Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns an t-seachdamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1965 agus 1970. An t-seachdain-s' trìuir a bha na laoich aig a' Chomunn a' cuimhneachadh air mar a bha iad a' sàs ann an obair a' Chomuinn - Dòmhnall Iain MacAoidh a bha na stiùiriche air a' Chomunn agus a thug atharrachadh agus ùrachadh air, Donnchadh Macleòid ag innse mun obair a bh' aige a' cumail fiosrachadh ri na meadhanan mu na bha An Comunn Gàidhealach a' dèanamh airson na Gàidhlig agus Seasaidh Camshron a' cuimhneachadh mar a chaidh dhan bhuidhean dràma Gàidhlig san robh i sna cuairtean deireannach de dhràma an SCDA anns na 60an. Am measg nan seinneadairean a chluinneas sinn bidh Iain Murchadh Moireasdan agus Màiri NicArtair.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 7 Oct 2012 13:00