Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns a' chòigeamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1950 agus 1955. Cluinnidh sinn mar a thòisich An Comunn a' cur clasaichean Gàidhlig air adhart anns na feasgairean air feadh na dùthcha mun àm-sa agus mar a thòisich an iris Gairm ann a 1952. Tha Ina Nic a' Mhuillear a' cuimhneachadh air Dòmhnall MacPhàil a bha na fhear-deilbh aig a' Chomunn Gàidhealach an ceann a tuath Alba airson fichead bliadhna agus tha Dòmhnall Iain Mac Illeathainn cuideachd a' coimhead air ais air an ùine a chuir e seachad san aon dreuchd as deidh sin. Cluinnear cuideachd earann de dh'òraid-fosglaidh a' Mhòid ann a 1953 le Aonghas Lewis Dòmhnallach a bha na Phrìomhaire an Albainn Nuadh aig an àm.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 23 Sep 2012 13:00