Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

16/09/2012

Air an t-seachdain seo, cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a' chraoladh an toiseach san Dùbhlachd 2000 agus a' searmonachadh bha Mgr Seumas MacNèill a bha na shagart ann an Eaglais Naoimh Mhoire agus Maol Rubha san Eilean Sgiathanach aig an àm.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a' leanas:

A Thighearna Dhia air a sheinn le Mairi Strachan le taic bho Choisir Ghàidhlig an t-Srath.

'S e 'n Tighearna Fhèin mo Chìobair air a sheinn le Criosaidh NicDhòmhnaill à Barraigh.

A Thighearna ar Dòchais agus Reul Àlainn a Chuain air a seinn le Còisir Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog an Uibhist a Deas.

Leughaidhean bho leabhar Ecsodus, Timoteus 1 agus Luc 15: 1-32.

30 minutes

Last on

Sun 16 Sep 2012 15:00

An t-Urramach Dòmhnall MacLeòid

An t-Urramach Dòmhnall MacLeòid

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. As dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh’ Oilthigh Dhùn Èideann ‘s a dh’ Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis.

Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959 ‘s an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire ‘s thug e mach a bhith na mhinistear.

Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin ‘son ochd bliadhna ‘s as dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 ach bidh e toirt taic le bhith seirbheiseachadh ann an Eilean Arain bho àm gu àm. Tha e pòst aig Fiona ‘s tha ceathrar mhac aige.

Added. Check out your playlist Dismiss