Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Cur-ris is toirt air falbh às aonais àireamhair

Thairis air an t-sreath tha Magaidh Matamataig a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Anns a' phrògram seo tha i air chuairt aig an soirceas agus 's e amas an teagaisg a bhith a' cur-ris agus a' toirt air falbh àireamh aon fhigear bho àireamh dà fhigear. Tha i cuideachd a' toirt cothrom feuchainn air clàr nan trì uiread.

Ann an suidheachadh aotram agus tlachdmhòr, tha i a' stiùireadh nan sgoilearan gu bhith ag obair còmhla, ag obair an aghaidh a chèile agus an aghaidh a' ghleoca.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad agus an dara h-ìre (toiseach na h-ìre) den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Release date:

20 minutes

Last on

Sun 9 Sep 2012 14:30