Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dòmhnall Iain MacÌomhair

Siud Thu!, Series 2 Episode 4 of 6

B' ann a Lacasdal a Leodhas a rugadh Dòmhnall Iain MacÌomhair ach thogadh e ann a Loch Croistean an Ùig agus an Airigh an Tuim air taobh siar Leòdhais. Bha athair na mhaighistir-sgoile agus sin a b'adhbhar dha na gluasadan. Chaidh e a dh' Oilthigh Obar Dheathain agus thug e mach teagaisg, dreuchd ris a robh e airson 21 bliadhna ann a Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh. Choisinn e cuideachd cliù mar sgrìobhadair, gu h-àraid le a sgeulachdan goirid ach cuideachd le bhàrdachd, agus bha colbh aige ann an Gasaet Steòrnabhaigh airson iomadach bliadhna. Bha e an sàs sa Ghàidhlig an iomadh raon - sa Chomunn Ghàidhealach, san SQA, agus air BBC Radio nan Gaidheal fhèin. Chaidh cruinneachadh de na sgeulachdan goirid aige, Caogad san Fhàsach, fhoillseachadh le Acair ann a 2014.

Sa phrògram seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 2012, tha Iain MacIlleMhìcheil a' comhradh ri Dòmhnall Iain agus ri feadhainn na bha mion-eòlach air, leithid a phiuthar Norma NicLeòid, Maletta NicPhàil a bha a' teagasg còmhla ris agus Anna Souter a bha sa Chomunn Ghàidhealach cuide ris.

Bhàsaich Dòmhnall Iain sa Mhàrt 2015 aig aois 72.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 3 Jan 2016 10:32