Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns an dàrna prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1921 agus 1929 . Am measg na chluinneas sinn bidh iomradh air a' chaid bàrd a chaidh a chrùnadh leis a' Chomunn bho Choinneach Dan Mac a' Ghobhainn, an strì a rinn an EIS son foghlam Gàidhlig ann a 1925/26 bho Dhòmhnall Iain MacÌomhair agus cuideachd iomradh bho Sheumas MacThòmais air mar a thòisich craoladh Gàidhlig ann a 1923. Bidh blasad ri chluinntinn cuideachd de chuid de na seinneadairean a bhuannaich na duaisean aig Mòdan bho 1921-1929.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 2 Sep 2012 13:00