Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns a' chiad phrògram tha Mairead a' dol air ais gu toiseach tòiseachaidh agus a' mìneachadh mar a thàinig a' bhuidheann gu bith anns an Òban ann a 1891. Bha iad gu mòr a' coimhead ri foghlam Gàidhlig agus ag iomart airson barrachd Gàidhlig a bhith air a theagasg sna sgoiltean. Anns a' phògram cluinnidh sinn cò ris a bha foghlam coltach ann 1874 bho chlann à Sgoil Bhagh a' Chaisteil agus mu obair a' Chomuinn anns an bliadhnaichean tràth bho Dhòmhnall Iain MacÌomhair. Gheibhear cuideachd fiosrachadh mu chuid de na duaisean aig na Mòdan sna bliadhnaichean sin agus blasad de na seinneadairean.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 26 Aug 2012 13:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Bliadhna na Gàidhlig