Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Rabaidean

Tha Fiona NicIllinnein ann a Nis ann a Leòdhas, 's i coinneachadh ri cuid de mhuinntir na sgìre airson bruidhinn mun trioblaid a tha rabaidean air a bhith 'g adhbharachadh dhaibh. Tha i bruidhinn ri Doileag Chaimbeul ann am baile Eoropaidh, baile a tha stèidhichte air talamh-machrach. Tha Doileag ag innse mar a tha na rabaidean ag ithe na tha 'd a' cur de ghlasraich agus a' tolladh ghàrraidhean is leasan. Tha Tormod MacThòmais bho Urras Ghabhsainn ag innse mu na deifir oidhirpean a chaidh a dhèanamh airson cuidhteas fhaighinn air na beathaichean. Agus tha Roddy John Dòmhnallach air croit air a' mhachair le gunna, 's e ag innse mu mar a thathas gam marbhadh. (Dh'fhaodadh gun dean cuid de na tha ri chluinntinn ann a seo dragh do chuid agaibh.).

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 28 Jul 2013 09:30