Didòmhnaich Slat Phailm

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:

Cia Domhain Gràdh an Athar Dhomh le Donaidh M MacLeòid
Molamaid Iosa le buill cho choitheanal Eaglais Reul na Mara ann am Bagh a' Chaisteil
Crann Ceusaidh na Nàire le Criosaidh NicDhòmhnaill
Tog an Làmh a Choisrig Dia le Còisir Eaglais Naomh Peadar.

Leughaidhean: Mata 21: 1-11 agus Mata 27: 45-54

Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich no 'an Canan' mar is fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus làidir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.

Às dèidh dreuchd sagart a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann as an dearbh pharaiste a chrìochnaich e na làithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig, bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.

Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh, bha e airson daoine a thàladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith a' dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon àireamh dhaoine a thàinig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, an t-Òban agus Uibhist nuair a bhàsaich e gu h-obann ann an 2006.

Bha ùidh mhòr aig a' Chanan anns a' Ghàidhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gàidhlig. Bha ùidh aige as a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chànan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghàidhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air làrach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig àrd-ìre a ghleidheadh san àrdsgoil anns a' sgìre.

11 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 9 Apr 2017 21:00

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich