Sorry, this episode is not currently available

Taigh an Dualchais/The Music House

Trusadh, Series 4 Episode 12 of 21

Deireadh 2011, agus ann an togalach sònraichte ann an Ulapul tha buidheann de dh' òigridh thàlantach a ' faighinn cothrom air leth, 's iad air cruinneachadh le cuid de shàr luchd-ciùil traidiseanta na h-Alba son seachdain shònraichte de thaic agus ionnsachadh - seo agad Taigh an Dualchais.

Le Fèis Rois a' comharrachadh còig thar fhichead bliadhna, bha am pròiseact ùr-ghnàthaichte seo na dheagh chothrom sàr sgilean ann an ceòl traidiseanta a thoirt dhan ath ghinealach ann an dòigh gu math brosnachail. Bha an luchd-ciùil òg sealbhach seo a' leasachadh an cuid thàlaint bho bhuaidh cuid den luchd-ciùil traidiseanta as cliùitiche a th'ann, le cuirm ann an taigh-cluiche
Eden Court a' toirt obair na seachdain gu ceann.

Aithnichte 's gu bheil Aonghas Grannd (fidheall), Kenna Chaimbeul (seinn), Rona Lightfoot (pìobaireachd / seinn), Fergie Dòmhnallach (am bogsa), agus Iain MacIlleMhìcheil (am bogsa) airson an cuid comasan ciùil, tha iad cuideachd làn spòrs.

Late 2011, and a group of young, talented, up-and-coming musicians get a once in a life time opportunity as they gather under one roof in Ullapool with some of Scotland's finest traditional musicians for a unique week of mentoring and learning - this is The House of Music.

With 2011 seeing Fèis Rois celebrate its 25th year, this innovative new project saw the rich cultural baton of traditional music being passed on to the next generation as our lucky young apprentices lived with and studied alongside the renowned tradition bearers, with a concert at Eden Court in Inverness the culmination of the week's work.

The tradition bearers include Angus Grant (fiddle), Kenna Campbell (singing), Rona Lightfoot (piping/singing), Fergie MacDonald (accordion) and John Carmichael (accordion).

Release date:

1 hour

Last on

Tue 2 Feb 2016 22:00