iPlayer Radio What's New?
Image for Dèanamaid Adhradh

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dèanamaid Adhradh

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 12 February 2012

'S e an t-Urramach Daibhidh MacAonghais a bha na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba air Sràid Gardner ann an Glaschu a tha searmonachadh san t-seirbhies à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo. Chaidh an t-seirbheis a chraoladh an toiseach sa Ghliblean 1990.

Cluinnidh sibh an t-seinn is an leughadh a leanas:

Salm 103: 1-2 air fonn Dundee, os cionn na seinn Alasdair MacNeacail le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Salm 144: 12-13 air fonn New Cambridge, os cionn na seinn an t-Urr Seumas MacIomhair, Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu

Leughadh: John 1: 1-29
Ceann teagaisg: Psalm 92:4.

  • An t-Urr Daibhidh MacAonghais

    An t-Urr Daibhidh MacAonghais

    Rugadh Daibhidh MacAonghais ann an sgìre Leumrabhagh air taobh a Deas nan Lochan ann an Leòdhas. Fhuair e foghlam ann an sgoil Leumrabhaigh agus Sgoil MhicNeacail.

    Nuair a bha e ann an Dùn Èideann ann an 1954, thàinig atharrachadh na bheatha agus fhuair e eòlas air beatha Chrìosdaidh. Grunn bhliadhnaichean as dèidh sin thàinig faireachdainn làidir thuige gun robh aige ri ullachadh eile a dhèanamh na bheatha agus e fhèin a dheasachadh airson a bhith na mhinistear. B' e sin an t-slighe a lean e agus ann an 1961, chaidh e a dh’ oilthigh Dhùn Èideann far an robh e airson sia bliadhna mus do cheumnaich e le teisteanas ann an Diadhaireachd agus ealain.

    Phòs Daibhidh tè air an robh Mairead NicLeòid à Baile Ailean ann an 1967 agus bha triùir de theaghlach aca, dithis nighean agus gille – Iseabail Ann, Marlene agus Calum.

    As dèidh dha ceumnachadh ann an 1967 agus a fhuair e cead Searmonachaidh aig Clèir Dhùn Èideann, chaidh e a fhrithealadh Eaglais Naomh Colm Cille ann am Baile Ghobhainn an Glaschu airson bliadhna. An ath bhliadhna as dèidh sin chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Cheann an Loch ann an Leòdhas far an robh e a’ searmonachadh airson naoi bliadhna.

    Ann an 1977 fhuair Mgr MacAonghais gairm gu Eaglais Sràid Gardner ann an Glaschu far an do chuir e seachad sia bliadhna deug.

    'S e coitheanal Phaibeil ann an Uibhist a Tuath an coitheanal mu dheireadh a bha e a’ frithealadh mus do leig e dheth a dhreuchd ann an 1999. Tha Mgr MacAonghais an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss