Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Clachan

A-Muigh, Series 1 Episode 3 of 6

Tha daoine air a bhith a' fuireach anns an Taobh Tuath anns na Hearadh nas fhaide na àite sam bith eile anns na h-eileanan an iar - fiù nas fhaide na Calanais, dachaigh nan tursachan ainmeil! Mar sin, 'se àite luachmhor tha seo airson àrceolas. Air Rudha an Teampaill tha an aon togalach air fhàgail na sheasamh air làrach seann dùn. Tha luchd-obrach air ballaichean an teampaill a chàradh airson a chumail gun tuiteam, agus cuideachd bha àrceolaichean ag obair a' cladhach timcheall air an dùn. Chaidh Fiona NicIllinnein chun na làraich còmhla ri Seòras MacLeòid, a tha a' fuireach anns a' sgìre agus aig a bheil ùidh mhòr ann an àrceolas, airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn an àite inntinneach seo.

'S ann ri seann chlachan ris a tha sinn a' coimhead san dàrna còmhradh sa phrògram cuideachd ach chan eil buileach cho fada bho chaidh na ballaichean seo a thogail! Choinnich Niall Caimbeul ri Niall Mac a' Phearsain ann am Beinn nam Faoghla, airson innse mar a bha iad a' togail na ballaichean a bhiodh timcheall air pàirceanan uaireigin. 'S e seann sgil a tha seo a tha air a bhith a' sìoladh às, ach tha Niall an-diugh ga theagasg ann an Sgoil Lionacleit.

Producer Janet Matheson.

30 minutes

Last on

Sun 23 Jun 2013 09:30
Added. Check out your playlist Dismiss