Image for Cuirm-Ciuil dha Gordon Duncan/A National TreasureNot currently available on BBC iPlayer

Duration: 1 hour

'S e cuirm 'A National Treasure' an ceathramh chuirm a chaidh a cumail ann am Peart mar chuimhneachan air Gordon Duncan, pìobaire, neach-ciùil folk agus sgrìobhaiche ciùil, a bha ainmeil mar aon de na cluicheadairean agus sgrìobhaichean ceòl traidiseanta as sgileil agus as adhartaich a bh' againn.

Tha luchd-ciùil leithid Seumus Begley agus Tim Edey, Willie MacCallum, Old Blind Dogs, am pìobaire à Galicia Xose Manuel Budino, Còmhlan Pìoba Baile Chloichrigh agus Blàr Athaill agus an còmhlan aig Gordy Duncan Jr an làthair aig cuirm 2010.

Ged a bha e air a bhogadh ann am pìobaireachd traidiseanta Gàidhealach, bha e an còmhnaidh a' cluich ceòl ann an dòigh ùr agus aig amannan radaigeach, chun an ìre 's gun cluinnear an dìleab aige ann an ginealach de luchd-ciùil òg air feadh Alba agus ann an iomadach ceàrnaidh eile. Bhàsaich Gordon Duncan ann an 2005 aig aois 41.

'S e Urras Gordon Duncan, a chaidh a chur air chois airson pìobaireachd agus diofar stoidhlichean ceòl traidiseanta a bhrosnachadh a-measg òigridh ann an Alba a tha a' cur na cuirm air dòigh agus tha còrr air trichead luchd-ciùil òg a tha air buannachd fhaighinn bho obair an urrais le bhith a' gabhail pàirt san orcastra 'The Gordon Duncan Experience'.

A National Treasure is the fourth concert held in Perth in the memory of Gordon Duncan, a piper, folk musician and composer, who is widely regarded as one of the most skilled and innovative traditional music performers and composers of modern times.

The 2010 concert features performances from Seamus Begley & Tim Edey, Willie MacCallum, Old Blind Dogs, Galician piper Xose Manuel Budino, The Pitlochry & Blair Atholl Pipe Band and the Gordy Duncan Jr Band.

While steeped in the art of traditional highland piping, his approach to his music was always imaginative, fresh and at times radical, to the extent that his influence can be heard within an entire generation of younger musicians across Scotland and well beyond. Gordon died in December 2005, aged 41.

The annual concert is organised by the Gordon Duncan Trust, which was set up for the promotion of piping and other forms of traditional music amongst young people in Scotland, and this concert features performances by over 30 young musicians who have benefited from the work in the trust by being part of the Gordon Duncan Experience orchestra.

Last on

Fri 7 Sep 2012 22:30 BBC ALBA

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.