Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

03/07/2011

Air an t-seachdain seo, cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a chlàradh aig a' Chòmhdhail Cheilteach san Òban ann an 2005. Os cionn na seirbheis bha an t-Oll.Urr Ruairidh MacLeòid agus an Canan Dòmhnall MacAoidh.

Salm 23: 102 air fonn Evan, os cionn an t-seinn an t-Oll Urr Ruairidh MacLeòid

Salm 121: 1-3 air fonn French, os cionn an t-seinn an t-Oll.Urr Ruairidh MacLeòid

Salm 103: 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn an t-seinn an t-Oll. Urr Ruairid MacLeòid

Laoidhean:

Pol MacCaluim - Reul Àlainn a' Chuain.

Maeve NicFhionghuin - Laoidh an Iasgair.

Coitheanal - An gràdh tha naomh, an gràdh tha oirdheirc.

Leughaidhean:

Salm 133 - an Canan Dòmhnall MacAoidh

Leabhar nan Gnìomharan 2: 1-11

Ùrnaighean:

Air an leughadh le riochdairean bho na diofar dùthchannan Ceilteach: Alba, Èirinn, a' Bhreatainn Bhig agus Eilean Mhanainn.

Chuireadh a' Chòmhdhail Cheilteach air chois gus eòlas air cànanan agus dualchas nan sia dùthchannan Ceilteach a chur am meud agus gus cothrom a thoirt do dhaoine a bhith gan cleachdadh agus a' cur meas orra. Bidh na meuran nàiseanta dhen Chòmhdhail a' coinneachadh mar Chòmhdhail Eadar Nàiseanta gach bliadhna gus cuideachadh ann a bhith a' cur nan amasan seo air adhart.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 3 Jul 2011 21:00