iPlayer Radio What's New?
Image for Alasdair an Canaigh - Bliadhna nan Eilean

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Last on

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Wednesday 22 June 2011

Latha air Eilean Chanaigh a' comharrachadh bardachd Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair. The Isle of Canna celebrates its association with poet Alasdair MacMhaighstir Alasdair.

  • Fios mun phrògram:

    Tha am prògram seo a' leantainn latha air Eilean Chanaigh a bha a' comharrachadh bàrdachd Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair.

    Bha Mac Mhaighstir Alasdair ainmeil mar bhàrd agus mar dhuine anns an ochdamh linn deug. Thug e greiseag na mhaor aig Clann Raghnaill air Eilean Chanaigh timcheall air 1727.

    Ach b'ann an dèidh Blàr nan Seumasach a chuir e an ùine bu mhotha seachad ann.

    Bha e gu mòr air taobh a Phrionnsa Thearlaich aig àm nan Seumasach agus b'ann an dèidh do chùisean a dhol nan aghaidh a thill e a-rithist a Chanaigh timcheall air 1749.

    Chuir e bliadhna no dhà seachad ann aig an àm sin mar bhàilidh air an eilean. Agus thathar an dùìl gur ann air an eilean a sgrìobh e earrann dhen bhàrdachd as ainmeile a rinn e; "Birlinn Chlann Raghnaill".

    Tha Canaigh an-diugh fo stiùir Urras Nàiseanta na h-Alba. Chaidh a chuairt a chuir air dòigh eadar an Urras agus buidheann ionadail bho na h-Eileanan Beaga, "Ealan nan Eilean".

  • Cruinn còmhla an Canaigh.

    Cruinn còmhla an Canaigh.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss