Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

27/06/2011

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

5 minutes

Last on

Mon 27 Jun 2011 19:00

An Litir Bheag 320

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhairtirchill ann an Siorrachd Pheairt. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “eaglais an dùin”. An robh an t-àite naomh do na pàganaich, mus robh eaglais ann? Tha cuid dhen bheachd gun robh oir tha craobh-iubhair ainmeil a’ fàs ri taobh na h-eaglais. Tha i uabhasach sean. Tha iad ag ràdh gur e sin a’ chraobh as sine anns an Roinn Eòrpa. Tha i eadar dà mhìle is còig mìle bliadhna a dh’aois. Chan eil i slàn a-nis. Ach tha i fhathast beò.

            A bheil sibh eòlach air a’ Ghàidhlig air Iona? ’S e sin Ì Chaluim Chille. Tha cuid de sgoilearan ag ràdh gu bheil Ì a’ ciallachadh “Eilean nan Craobh-iubhair”. ’S dòcha gun robh Eilean Ì ainmeil do na Ceiltich phàganach. Bha sin ro Chalum Cille. Bhiodh sin a’ mìneachadh mar a thagh Calum Cille Eilean Ì mar àite airson a mhanachainn.

Ach carson a bha a’ chraobh-iubhair naomh do na pàganaich? Uill, chan eil mi cinnteach. ’S dòcha gun robh e co-cheangailte ri aois na craoibhe, agus mar a dh’fhanas i làn duilleagan tron gheamhradh. Agus bidh craobhan-iubhair beò uabhasach fhèin fada.

Leis gun robh iad naomh do phàganaich, ghabh Crìosdaidhean thairis iad. Bha iad an uair sin mar shamhla de Chrìosdachd. Ann an Alba bha daoine a’ cur chraobhan-iubhair ri taobh eaglaisean. Bha na craobhan a’ samhlachadh aiseirigh Chrìosda. Bha cuid de shagartan is ministearan a’ searmonachadh fo chraobhan-iubhair. Bha John Knox fhèin ainmeil airson a bhith a’ searmonachadh fo chraobh-iubhair!

Tha fianais eile ann gun robh Fairtirchill naomh do phàganaich. Faisg air an eaglais, tha barpa. ’S e an t-ainm a tha air Càrn nam Marbh. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon cheathramh linn deug. Chaidh daoine a thiodhlacadh ann. Fhuair iad bàs leis a’ phlàigh.

Ach bha an tom ainmeil cuideachd aig an t-Samhain. Bha na daoine a’ togail teine air an tom. Bha iad a’ dannsadh timcheall air. Craobh-iubhair, teintean Samhna agus eaglais Chrìosdail uile cha mhòr air an aon làraich. Tha Fairtirchill a’ riochdachadh gu làidir dualchas nan Gàidheal.

The Little Letter 320

I was telling you about Fortingall in Perthshire. The name means “the church of the fort”. Was the place sacred to the pagans, before there was a church there? Some people think it was because there is a famous yew tree growing next to the church. It’s very old. They say that it’s the oldest tree in Europe. It’s between two thousand and five thousand years old. It’s not whole now. But it’s still alive.

        Do you know the Gaelic for Iona? That’s Ì Chaluim Chille. Some scholars say that Ì means “the island of the yew tree”. Perhaps Iona was famous to the pagan Celts. That was before Columba. That would explanation why Columba selected Iona as a place for his monastery.

        But why was the yew tree sacred to the pagans? Well, I’m not sure. Perhaps it was connected to the tree’s age, and how it remains full of leaves through the winter. And yew trees live for a very long time.

        Because they were sacred to the pagans, Christians took them over. They were then a symbol of Christianity. In Scotland people were planting yew trees beside churches. The trees were representing the resurrection of Christ. Some priests and ministers were preaching under yew trees. John Knox was famous for preaching under a yew tree!

        There is other evidence that Fortingall was sacred to pagans. Close to the church, there is a burial mound. It’s named “the cairn of the dead”. The name comes from the fourteenth century. People were buried there. They died from the plague.

        But the hillock was also famous at Halloween. The people were building a fire on the hillock. They were dancing around it. A yew tree, Halloween fires and a Christian church all pretty much on the same site. Fortingall represents strongly the heritage of the Gaels.

All the letters

An Litir Bheag 122

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Ruairidh

The Little Letter for Gaelic Learners

Added. Check out your playlist Dismiss