Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sat 28 May 2011 10:55

Litir 619: Seòras Gunnach

Bha mi ag innse dhuibh mun Bhràisteach Mhòr, Seòras Gunnach, ceann-cinnidh nan Gunnach is mar a thug e ainm do Cheann a’ Bhràist no Kinbrace. Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Nochd a dhà uiread de cheatharnaich aig na Cèithich ’s a chaidh aontachadh ro làimh. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhràistich Mhòir.

Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach mu fhoill nan Cèitheach. Gheall e gum faigheadh e dìoghaltas orra. Agus chuir e roimhe a’ bhràist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na bràithrean aontaichte, ge-tà. Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, agus fear eile dhiubh an gnothach a thoirt na b’ fhaide. Thuirt Seumas gum faigheadh iad uile bàs. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile de a bhràithrean an tòir air na Cèithich.

Lorg iad iad aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (chan eil ann a-nise dhen chaisteal ach tobhta). Bha an caisteal air mullach creige làimh ri Abhainn Theòrsa. Shreap na bràithrean a’ chreag gu socair, sàmhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil. Dh’fhàg Eanraig a dhithis bhràithrean aig an doras agus chaidh e fhèin gu uinneag. Gu fortanach dha, bha an uinneag fosgailte. Chunnaic Eanraig na Cèithich ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe ri taobh an fhir leis an robh an caisteal. Bha clogaid air fhathast, ach bha a’ chidhis – no vizor – fosgailte.

Gu h-iongantach, bha an Cèitheach a’ bruidhinn air Eanraig fhèin, oir bha e air a ghaisge a dhearbhadh air blàr a’ bhatail. Nam biodh a h-uile Gunnach air sabaid mar Eanraig, thuirt e, bha an latha air a dhol leotha. “Deoch-slàinte dha,” thuirt an Cèitheach. Ach nuair a chuir e a’ chuach do a bhilean, leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige. Chaidh an t-saighead tron chidhis agus mharbh e an ceann-cinnidh. “Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”

Leum na Cèithich don casan agus ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha agus, fear an dèidh fir, chuir iad gu bàs iad. Am measg na h-ùpraid, fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha.

Nuair a choinnich an còignear bhràithrean a-rithist, dh’iarr Seumas a’ bhràist agus an claidheamh oir b’ esan am fear a bu shine – ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich air an son. Chaidh e fhèin is Eanraig a-mach air a chèile gu salach, agus dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an Gallaibh. Dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd agus ’s ann bhuaithesan a thàinig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gàidhlig, a rèir a’ chunntais aig an Urramach Dòmhnall Saigeach.

Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhràist agus bhon uair sin ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gàidheil ri ceann-cinnidh nan Gunnach. Ach a thaobh na bràiste, chan eil fhios agam dè thachair dhi.

 

Faclan na Litreach

Seòras Gunnach: George Gunn; Ceann a’ Bhràist: Kinbrace; foill: deceit; bràiste: brooch; theich: fled; Eanraig: Henry; aontaichte: united, agreed; Caisteal Dhirlot: Dirlot Castle; Gallaibh: Caithness; tobhta: ruin; clogaid: helmet; cidhis: vizor; cuach: quaich, drinking vessel.

Abairtean na Litreach

mar a chaidh seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill: how seven of his sons were killed in combat with the Keiths of Ackergill; a dhà uiread de cheatharnaich’s a chaidh aontachadh ro làimh: twice the number of fighters that was agreed beforehand; gum faigheadh e dìoghaltas orra: that he would exact revenge on them; an tòir air na Cèithich: in pursuit of the Keiths; mullach creige làimh ri Abhainn Theòrsa: a rock summit next to the Thurso River; gu socair, sàmhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil: quietly without the knowledge of those inside the castle; ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile: drinking ale and conversing; bha e air a ghaisge a dhearbhadh: he had proved his heroism; bha an latha air a dhol leotha: they would have won the day; deoch-slàinte dha: a toast to him; leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige: Henry let fly an arrow from his bow; fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha: he got hold of his father’s brooch and sword and fled with them; ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich: although he had not been willing to battle the Keiths; chaidh iad a-mach air a chèile gu salach: they had a serious falling out; dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd: he refused to use the name “Gunn” for himself or his descendants; ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gàidheil ri X: the Gaels would call X “the son of James of Sutherland.”

Puing-chànain na Litreach

fear an dèidh fir: one after another. The compound preposition (or prepositional phrase) an dèidh commands a following noun in the genitive case eg an dèidh a’ chogaidh, an dèidh na bàinnse. In modern Gaelic we tend only to inflect the noun where the article is present ie we would say an dèidh cogadh and an dèidh banais (without the article), but phrases sometimes preserve older grammatical modes and this is an example. If we were creating the phrase today, we’d say fear an dèidh fear [as many would], although we’d also say an dèidh an fhir (after the man). But the older mode of inflecting even without the article is retained in fear an dèidh fir.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith: The Gunn’s compliments to Keith.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Added. Check out your playlist Dismiss