-
Fios mu na prògraman
Tha na còig prògraman anns an t-sreath seo air BBC Radio nan Gàidheal stèidhichte air cuspairean a tha cudromach a thaobh eòlas creideimh agus moraltachd aig an dàrna ìre.
Bheir iad:
• toiseach-tòiseachaidh do sgoilearan a thaobh eòlas fhaighinn air prìomh sgeulachdan agus air prìomh
dhaoine co-cheangailte ri creideamhan eile an t-saoghail.
• cothrom dhan chloinn eòlas a chur air grunn de chuspairean co-cheangailte ri gach creideamh.
Faodar na prògraman a chleachdadh leotha fhèin, no airson taic a thoirt do dh'obair a thathar a' dèanamh mar-thà air cuspairean sònraichte.
Tha gach prògram anns an t-sreath stèidhichte air duine sònraichte a tha ceangailte ri gach creideamh.
Tha na prògraman air an roinn mar a leanas:
• Mohammed – an creideamh Islam
• Guru Nanak – an creideamh Siceach
• Maois – an creideamh Iùdhach
• Krishna – an creideamh Hindu
• Siddartha Guatama – an creideamh Buddach
Tha na h-eileamaidean eadar-dhealaichte anns gach prògram air an snìomh ri chèile ann an dòigh aotram,
beòthail, gus inntinn na cloinne a ghlacadh.
Anns gach prògram cluinnear:
• sgeulachd mun phrìomh dhuine ceangailte ris a' chreideamh
• ceòl, guthan agus fuaimean a' toirt suidheachadh nan sgeulachdan beò
• beachdan chloinne air cuspair a tha air a thogail às a' phrògram
• cunntas pearsanta bho fhear no tè a tha eòlach air a' chreideamh
• cuspair còmhraidh airson obair buidhne no sgrùdadh pearsanta
Radio nan Gaidheal joins Radio Scotland until 9.00am.