Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Calum MacFhearghais 1/3

Rugadh Calum MacFhearghais ann a 1929 ann am baile Phort Mholair san Rubha a Leòdhas. 'S iomadh ceàird a th'aige air a làmhan - neach-teagaisg, craoladair agus sgrìobhadair nam measg - ach 's e an gibht as motha a th'aig Calum 's e comas sgeulachd innse, biodh i fìor neo breug!

A seo tha e a' cuimhneachadh air a bheatha thràth, ag èirigh suas ann an coimhearnsachd air a robh agus air a bheil e gu math gràdhach.

Bha a' Bheurla ùr dha a' dol dhan sgoil oir cha robh i cha mhòr ri cluinntinn sa sgìre, agus nuair a ràinig a Sgoil MhicNeacail bha aige ri fuireach ann a Steòrnabhagh tron t-seachdain agus bha an cianalas air dona. Cha robh an sgoil a' tighinn air idir.

Bha an Dàrna Cogadh a' toirt buaidh air a h-uile duine agus bha Calum, na bhalach òg, a' gabhail a h-uile càil a bha sin a-steach agus cuimhne aige chun a' là an-diugh air an dreach a thug e air Leòdhas eadar luchd na feachdan armaichte a bhith timcheall agus Sunderland flying boat a' spreadhadh os a chionn.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 8 Feb 2015 09:30

Credits

Role Contributor
ProducerAnnella MacLeod