-
Chì Mi 'n Tìr
Rugadh Iain Mac Cumhais, Seonaidh Dhòmhnaill 'ic Cumhais, a sgrìobh an t-òran 'Chì Mi 'n Tìr san robh mi nam Bhalach', ann an Leac an Lì, ann am Bàigh na Hearadh, san Dùbhlachd, ochd ceud deug ceithir fichead 's a ceithir-deug. B' i Màiri Anna Mhoireasdan, à Stocainis, a mhàthair agus bha seachd bràithrean agus aon phiuthar aige.
Chaidh e do Sgoil Chaolas Stocainis agus an dèidh na sgoile fhàgail bha e airson beagan bhliadhnaichean ag obair air an rèile ann an Glaschu agus an sgìre mu thimcheall a' bhaile.
Tron Chogadh Mhòr bha e anns a' Chabhlachd Mharsanta. An deidh a' chogaidh, bhon Mhàrt, naoi ceud deug 's a naoi-deug, chun Chèitean, naoi ceud deug 's fichead, bha e air an t-Shuna agus an Glenamoy agus 's ann an uair sin a rinn e an t-òran 'Chì Mi 'n Tìr'. Tha an t-Shuna air a h-ainmeachadh ann an tè de na ceathramhan.
Phòs e Catriona NicFhionghain, Cèiteag a' Phost, à Caolas Stocainis, ann an naoi ceud deug dhà thar fhichead. Bha sianar chloinne aca, dithis nighean agus ceathrar mhac.
An dèidh pòsadh ghluais iad dhan a' Cheannamhòr, aig beul Loch Thoirbheartan, mu ochd mìle an iar-thuath air Sìldeig, air taobh siar Rois. Sin far na rugadh agus na thogadh an teaghlach. Cha robh Seonaidh air ais as na Hearadh ach aon uair an dèidh dha an t-eilean fhàgail.
Bha e a' deanamh a bhith-beò à croitearachd agus ag iasgach anns a' Cheannamhòr. Bha e na eildear anns an Eaglais Shaor Chlèireach ann an Sìldeig.
Chaochail Seonaidh Dhòmhnaill 'ic Cumhais ann an naoi ceud deug trì fichead 's a còig-deug, aig aois ceithir fichead. Tha e air a thìodhlacadh ann an Cladh na Comraich.
Seo Eòghainn MacLeòid a choisinn am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Ghallaibh ann an 2010 's e a gabhail 'Chì Mi 'n Tìr'. -
Leugh na facail agus èist ris an t-òran
Chì Mi 'n Tìr -
Fiosrachadh mun Ùghdar
Iain Mac Cumhais -
Fiosrachadh mun t-Seinneadair
Eòghainn MacLeòid
Broadcasts
-
BBC Radio Nan GaidhealFri 31 Dec 2010 09:55 BBC Radio Nan Gaidheal
-
BBC Radio Nan GaidhealFri 31 Dec 2010 13:55 BBC Radio Nan Gaidheal
Ciamar a bheireadh tusa breab do Rapal? Gach seachdain, gheibh aon neach òg an cothrom. 


