iPlayer Radio What's New?
Image for 13/12/2010

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

13/12/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Monday 13 December 2010

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

  • An Litir Bheag 292

    An cuala sibh riamh mu faire chlaidh? Graveyard watch. Faire chlaidh. Bha daoine a’ creidsinn gun robh an spiorad aig duine a bha air a thiodhlacadh a’ cumail faire air na mairbh. Bha e a’ dèanamh sin gus an robh duine eile air a thiodhlacadh. Bha daoine ag iarraidh nach robh aig spiorad an duine sin a bhith a’ cumail faire ro fhada. Uaireannan dh’adhbh-araich sin strì is sabaid.

                Dh’inns Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar, do Chalum Mac-Ghilleathain naidheachd mu dheidhinn. Bha ministear a bha seo a’ gabhail cuairt. Bha e faisg air àth air bruach Abhainn Spiothain. Thàinig dà bhuidh-inn de dhaoine. Bha iad a’ dol don chladh air taobh thall na h-aibhne. Bha ciste-laighe aig gach buidhinn. Bha argamaid ann. Thòisich iad air sabaid. Fhuair a’ bhuidheann a bhuannaich an cothrom a dhol don chladh an toiseach. Cha robh aig spiorad an duine aca ri feitheamh fada mus tigeadh an ath dhuine marbh.

                Bha faire de sheòrsa eile a’ dol anns na cladhan cuideachd. Bha clach-uaighe ann an Cladh Chill Mo Naomhaig faisg air Drochaid an Aonachain. Bha toll anns a’ chloich. Chaidh an toll a dhèanamh le peilear.

                Bha feadhainn a’ goid chorp bho chladhan – daoine mar Burke is Hare. Bha fear à Loch Abar na oileanach ann an Dùn Èideann. Bha e a’ dèanamh dotaireachd. Thàinig corp don deuchainn-lann. ’S e boireannach a bha ann. Bha fiaclan math aice. Bha an t-oileanach dhen bheachd gun robh na fiaclan coltach ri fiaclan tè às an sgìre aige fhèin. ’S e bean Dhòmhnaill ’ic Iain an t-ainm a bha oirre.

                Sgrìobh an t-oileanach dhach-aigh. Dh’fhaighnich e an robh duine sam bith air bàs fhaighinn o chionn ghoirid. Thàinig fios gun do chaochail bean Dhòmhnaill ’ic Iain.

                Co-dhiù, oidhche a bha seo bha athair Iain Dhòmhnallaich ann an Cladh Chill Mo Naomhaig. Bha e a’ cumail faire an aghaidh mèirlich nan corp. Bha gunna aige. Dh’fhàs e sgìth. Thuit e na chadal. Dhùisg e gu h-obann. Chunnaic e rudeigin. Loisg e an gunna. Ach chan e mèirleach a bha ann. ’S e clach-uaighe a bha ann. Agus rinn am peilear toll anns a’ chloich.
  • The Little Letter 292

    Have you ever heard of faire chlaidh? Graveyard watch. Faire chlaidh. People were believing that the spirit of a person who had been buried was keeping watch over the dead. He was doing that until another man was buried. People were wanting that that man’s spirit would not be keeping vigil too long. Sometimes that caused discord and fighting.

            John MacDonald, the Lochaber Bard, told Calum Maclean an anec-dote about it. A particular minister was taking a stroll. He was near a ford on the bank of the Spean River. Two groups of people came. They were going to the cemetery on the far side of the river. Each group had a coffin. There was an argument. They started to fight. The group that won got the opportunity to go to the graveyard first. The spirit of their man was not having to wait long until the next dead person came.

            Another type of watching also took place in the graveyards. There was a gravestone in Kilmonivaig Cemetery near Spean Bridge. There was a hole in the stone. The hole was made by a bullet.

            Some people were stealing bodies from graveyards – people like Burke and Hare. A man from Lochaber was a student in Edin-burgh. He was doing medicine. A body came to the laboratory. It was a woman. She had good teeth. The student thought that the teeth were like those of a woman from his own area. Her name was “the wife of Donald son of John”.

            The student wrote [a letter] home. He asked if anybody had died recently. News came that “the wife of Donald son of John” [had] died.

     

            Anyway, on a particular night, John MacDonald’s father was in Kilmonivag Cemetery. He was keep-ing watch against grave robbers. He had a gun. He became tired. He fell asleep. He suddenly woke up. He saw something. He fired the gun. But it wasn’t a robber. It was a gravestone. And the bullet made a hole in the stone.

Broadcasts

Tasglann / Archive

An Litir Bheag 122

Tha na Litrichean Beaga uile anns an tasglann / Little Letters are in the archive.

Podcast

  1. Image for The Little Letter for Gaelic Learners

    The Little Letter for Gaelic Learners

    A simple letter for established Gaelic learners. Roddy Maclean has created this letter for learners…

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss