iPlayer Radio What's New?
Image for 10/12/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

10/12/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Friday 10 December 2010

Òran an Là / Song for the Day

  • Tha Mi Fo Chùram

    A rèir an t-seinneadair Cairistìona Sheadha às na Hearadh chaidh an t-òran 'Tha Mi Fo Chùram' (a chluinneas sinn an-diugh) a dhèanamh le tè Maighread NicAonghais à Àird Shlèite san Eilean Sgitheanach do Thormod MacNeacail, Fear Òg Sgoirebreac.

    B' e seo Tormod MacNeacail a rinn an t-òran ''S Gann Gun Dìrich mi Chaoidh'. Bha Tormod air a mheas cho math le gunna ri duine a bh' anns an Eilean Sgitheanach na latha, agus anns an t-òran tha e a' caoidh nach fhaod e tuilleadh a dhol a shealg air fearann Chloinn Dòmhnaill.

    Ged nach eil fios le cinnt gur ann airson poidseadh a chaidh am bacadh a tha seo air, tha e ag innse gun d' fhuair e an t-òrdan ann a' "litir o na h-uaislean".

    A' bruidhinn ri Comann Gàidhlig Inbhir Nis sa Mhàrt naoi ceud deug ceithir fichead 's a h-aon-deug, thuirt an Dotair Alasdair MacIlleathain gur dòcha gur ann bho bhràthair a mhàthar, am Morair Kingsborough a bha na Lord Justice Clerk aig an àm, a thàinig a' litir.

    Chaidh Tormod MacNeacail do Tasmania far a deach a bhàthadh sa bhliadhna ochd ceud deug dà fhichead 's a h-aon.

    Seo Jenna Chuimeanach le 'Tha Mi Fo Chùram'.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran

    Tha Mi Fo Chùram
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Maighread NicAonghais
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Jenna Chuimeanach

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss