iPlayer Radio What's New?
Image for 18/11/2010

Listen now 8 mins

Listen in pop-out player

18/11/2010

Duration:
8 minutes
First broadcast:
Thursday 18 November 2010

Òran an Là / Song for the Day

  • Banais Chiostal Odhar

    Cluinnidh sinn an-diugh 'Banais Chiostal Odhar' le Gilleasbaig Dòmhnallach. Rugadh Gilleasbaig Dòmhnallach, Gille na Ciotaig, am Paibil an Uibhist a Tuath. Fhuair e am far-ainm chionns gu robh a ghàirdean chlì nas giorra nan àbhaist agus cha robh òrdagan air a làimh. Bha e beò san dara leth dhen ochdamh linn deug.

    Bha sgeulachd air a h-innse gu robh a phàrantan, len dithis mhac nan cois, air an àirigh an Uibhist nuair a thàinig an t-uachdaran, Sir Seumas Dòmhnallach an rathad 's e muigh a' sealg. Thug màthair Ghilleasbaig dha deoch bhainne agus, as a' chòmhradh a lean, dh'innis i dha mun chiorram a bh' air a' ghille.

    Nuair a fhuair an t-uachdaran a-mach ainm a' ghille thuirt e gu robh e duilich nach tugadh Colla mar ainm air a' bhalach gus am biodh Colla Ciotach eile am measg Chloinn Dòmhnaill. A dh'aindeoin an ainm, tha e coltach gun d' thug e airgead dhaibh airson cuideachadh le foghlam a' ghille.

    Feumaidh gun d' fhuair Gilleasbaig deagh fhoghlam san sgoil an Uibhist agus gu robh e math air sgrìobhadh, chionns gu robh e ag obair aig aon àm don Bhàillidh Bhreac, bàillidh Chloinn Dòmhnaill an Uibhist a Deas.

    Dheasaich e a bhàrdachd fhèin airson a cuir an clò ach, air an t-slighe a dh'Inbhir Nis airson sin a dhèanamh, chaochail e ann an Cille Chuimein, far a bheil e air a thìodhlacadh.

    Bha e air a ràdh, fhad 's a bha e an Cille Chuimein, gun do thachair e air Alasdair Stiùbhart a sgrìobh an t-òran 'A Mhàiri Bhòidheach 's a Mhàiri Ghaolach', agus gun d' fhuair esan sealbh air làmh-sgrìobhainn Ghilleasbaig an dèidh a bhàis agus gun chleachd e e mar bhonn-stèidh air an do rinn e an cruinneachadh òrain a thàinig a-mach bhuaidhe fhèin agus bho a bhràthair, Dòmhnall, fon ainm Co-chruinneachadh Taoghta de Shaothair nam Bard Gaelach, an Dùn Èideann sa bhliadhna ochd ceud deug 's a ceithir.

    'S e aoirean agus bàrdachd àbhachdach ris am biodh Gille na Ciotaig ann am bitheantas 's dh'fhaodadh e cuideachd a bhith gu math nimheil. Ach mar bu trice, bha Gille na Ciotaig eirmseach agus làn spòrs.

    Thathar a' smaoineachadh gun d' rinn e 'Banais Chiostal Odhar' mu bhanais aimhreiteach, riaslach, a bh' ann an Ciostal, faisg air Ùig an Eilein Sgitheanaich, ged tha fianais ann gu robh àite dhen ainm sin cuideachd an Uibhist a Tuath.

    Seo ma tha Aonghas Iain Dòmhnallach à Uibhist a Tuath ga ghabhail.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran

    Banais Chiostal Odhar
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Gilleasbaig Dòmhnallach (Gille na Ciotaig)
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Aonghas Iain Dòmhnallach

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss