iPlayer Radio What's New?
Image for 13/11/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

13/11/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Saturday 13 November 2010

Òran an Là / Song for the Day

  • An t-Alltan Dubh

    Is mise Steven MacIomhair agus 's ann à Nàst a tha mi, air taobh siar Rois.

    Tha mise air 'An t-Alltan Dubh' a thaghadh. Thagh mi an t-òran seo sa chiad dol a-mach air sgàths gu bheil an t-òran seo a' còrdadh rium glan. A' mhòr-chuid de na cèilidhean a bhios mi frithealadh, bidh mi a' gabhail an t-òran seo agus tha e cho math gum bheil a' mhòr-chuid de na daoine a tha san luchd-amhairc eòlach air an t-òran, agus tha iad ga ghabhail comhla riut.

    'S e òran uamhasach fhèin aotrom, aighearrach a th' ann. Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le Dòmhnall Friseal a bha na gheamair ann a Fainich, ach tha mi smaoineachadh gum buinneadh e do sgìre Loch Bhraoin – agus fhad 's tha mi tuigsinn cuideachd, tha e càirdeach ri Daibhidh Boag a tha cluich ann a Meantime.

    San t-òran tha an t-seinneadair a' bruidhinn ris a' ghunna agus tha e ag ràdh gum bheil ligh air an t-Alltan Dubh, agus tha, an dragh a th' aire-san nach fhaigh e tarsainn air an t-alltan dubh airson sealg na fèidh.

    'S e oran seilge a th' ann agus rud gu math inntinneach cuideachd a fhuair mi mach bho chionn ghoirid – tha mise air a bhith seinn an t-òran seo airson deagh ghreis a-nise – ach dìreach bho chionn ghoirid fhuair mi mach dè bha 'ligh' a' ciallachadh – tha ligh an-diugh – agus tha e a' ciallachadh nuair a tha an abhainn a' dol thairis air na bruthaichean aice, so, 's e rud gu math inntinneach a bha sin dhòmhsa, 's chan eil fhios 'am carson nach robh fios 'am air a' sin ro-làimh.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran

    An t-Alltan Dubh
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Dòmhnall Friseal, Fainich
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Calum Ailig Mac a' Mhaoilein
  • An t-Òran as Fheàrr Leam, le Steven MacÌomhair

    Steven MacÌomhair

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss