iPlayer Radio What's New?
Image for 26/09/2010

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

26/09/2010

Duration:
33 minutes
First broadcast:
Sunday 26 September 2010

Còmhla ris an Urr. Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Crois, Nis. Gaelic Service conducted by Rev Iain M MacDonald, Minister of Cross Church of Scotland.

  • An t-Urramach Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Crois, ann an Nis.

    An t-Urramach Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Crois, ann an Nis.

    'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh agus chaidh e dhan sgoil sa sgìre sin mus deach e a bhaile mhòr Steòrnabhaigh son foghlam aig àrd ire ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a’ Chaisteil. Rugadh is thogadh Iain M air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit.

    Bha obair pàirt ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainte Sòisealach agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

    Dh’atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bhon thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha bha e faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh’ionnsachadh son a bhith na mhinistear. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar-Dheathain…. As dèidh trèanadh airson na ministearachd chuir e seachd mu bhliadhna gu leth aig Àrd Eaglais Steòrnabhaigh . Ann an 2001 fhuair e gairm bho chotheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus tha e air a bhith ann an sin bhon uairsin.

    Tha Iain M pòsta aig Alison NicDhòmhnaill – an nighean a b’òige aig an Urr. Alasdair Dòmhnallach – (Alasdair Mhurdaig) 's aig a mhnaoi Màiri agus tha triùir chloinne aca.

  • Laoidhean agus leughaidhean na seachdain-sa:

    Na sailm:

    Sailm 63, r1-3 air fonn Bangor, os cionn na seinn Aonghas Moireach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Crois, Nis.

    Salm 85, r 7-8 air fonn Bangor, os cionn na seinn Coinneach MacLeòid le taic bho choitheanal eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

    Salm 16, r8-9 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Calum Màrtainn le taic bho Chòisirean Eaglaisean Leòdhais

    Leughadh: Isaiaih 6: 108

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss