-
Fios mun phrògram:
Thèid clach a chur air a’ chàrn a thathas air a bhith a’ togail do Dhòmhnall MacDhòmhnaill, nach maireann, à Uibhist a Tuath, agus a chuir seachad a’ mhòr chuid de bheatha na mhaighstir-sgoile am Port Rìgh, le prògram rèidio an ath sheachdain.
Anns a’ phrògram DR MacDhòmhnaill, bidh Uisdean MacIllinnein a’ tarraing dealbh pearsanta air saoghal Dhòmhnaill - Dòmhnall Ruaraidh a’ Phuist à Tighghearraidh an Uibhist a Tuath – DR mar a b’aithne dhan h-uile duine e air a’ cheann thall.
Am measg na tha a’ còmhradh ri Uisdean tha cuid dhen fheadhainn a chuir eòlas air Dòmhnall na shaoghal san sgoil am Port Rìgh, leithid Alasdair Ros agus Murchadh Peutan agus cuid eile a bha na b' eòlaiche air tro shaoghal na Camanachd agus mar dheagh charaid, mar Art MacCarmaig, Iain MacNeacail, Calum Dòmhnallach bho Runrig, Seumas Dòmhnallach agus Donaidh Màrtainn.
Cluinnear mar a chaidh Dòmhhnall à Uibhist gu Oilthigh Ghlaschu agus an uairsin air ceann a chosnaidh mar mhaighstir-sgoile Gàidhlig ann am Port Rìgh ann an 1966. Bha e na mheadhan air ùrachadh air saoghal na camanachd anns an Eilean Sgitheanach a thug sgioba an Eilein gu ìre nuair a choisinn iad Cupa na Camanachd ann an 1990. Bha làmh mhòr aige fhèin is aig a mhnaoi, Catriona, nach maireann, ann am foghlam na Gàidhlig san Eilean agus gu math fada a-mach bhon sin. -
John 'the Caley' MacNeacail a' bruidhinn air DR MacDhòmhnaill
Sorry, you must enable Javascript to display media contentTha John 'the Caley' MacNeacail a' bruidhinn air nuair a bhiodh e a' siubhal còmhla ri DR agus na còmhraidhean a bhiodh aca agus Màrtainn MacGriogair a' cuimhneachadh air turas an Uibhist anns a' chàr còmhla ri DR.
-
John 'the Caley' MacNeacail agus Màrtainn MacGriogair a' bruidhinn air DR MacDhòmhnaill
Sorry, you must enable Javascript to display media contentTha John 'the Caley' MacNeacail a' bruidhinn air nuair a bhiodh e a' siubhal còmhla ri DR agus na còmhraidhean a bhiodh aca agus Màrtainn MacGriogair a' cuimhneachadh air turas an Uibhist anns a' chàr còmhla ri DR.
-
Iain Macleòid a' cuimhneachadh air DR
Sorry, you must enable Javascript to display media contentIain Macleòid a' cuimhneachadh air DR 's mar a bha e mar lùth chleasaiche agus an turas a chuidich DR co-ogha do dh'Iain à Brisbane nuair a bha airson ainmean dhealbhan eadar theangachadh.
-
Donnie Màrtainn air DR mar coidse
Sorry, you must enable Javascript to display media contentDonnie Màrtainn air DR mar coidse.
-
Seumas Dòmhnallach a' cuimhneachadh air DR
Sorry, you must enable Javascript to display media contentSeumas Dòmhnallach a bha a' cluich ann an aon de na sgiobaidhean sgoile aig DR agus sgeulachd mu latha a referendum ann an 1979.
Broadcasts
-
BBC Radio Nan GaidhealMon 17 May 2010 13:30 BBC Radio Nan Gaidheal
-
BBC Radio Nan GaidhealMon 17 May 2010 22:00 BBC Radio Nan Gaidheal
-
BBC Radio Nan GaidhealSun 23 May 2010 13:00 BBC Radio Nan Gaidheal
Radio nan Gaidheal joins Radio Scotland until 9.00am. 
