iPlayer Radio What's New?
Image for 18/03/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

18/03/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Thursday 18 March 2010

Òran an Là / Song For the Day

  • Bal Loch Arcaig

    Chaidh an t-òran Bal Loch Arcaig a’ dhèanamh le Dòmhnall MacIllFhinnein, Dòmhnall Ruadh, a bha na gheamair aig Loch Iall ann an àite ris an canar An Lochan. Bha seo aig Leagsaidh Chaimbeul, a chluinneas sinn a gabhail an òrain an-diugh, ri ràdh mu dheidhinn,
    “Feusag mhòr ruadh air, ‘s tha cuimhn ‘am, bha sinn uamhraidh tickled leis nar clann, nuair a chitheadh sinn e. Nuair a bhiodh e a’ gabhail soup na dad sam bith, chuireadh e an fheusag a-steach dhan pheiteag aige, seach an grease a dhol oirre. Feusag mhòr bhrèagha a-bhàn air a’ bhroilleach.

    ‘S iomadh òran a rinn e. Bha e uamhraidh sunndach, Dòmhnall bochd.
    Dhèanadh e òrain laghach. Cha bhiodh e a’ dèanamh òrain mhosach uair sam bith.”

    Rugadh agus thogadh Alexandrina no Leagsaidh Chaimbeul ann an Gleann Peighinn aig ceann an iar Loch Arcaig far an robh a h-athair na chìobair aig Loch Iall.

    Bha an taigh aca mu cheithir mìle bhon choimhearsnachd a b’ fhaisge dhaibh, Srathan aig ceann an iar Loch Arcaig agus an t- Òban Ceann Loch Mhòrair mu chòig mìle bhuapa. Cha robh iad a’ faicinn mòran dhaoine fad a’ gheamhraidh ach nuair a thigeadh an t-earrach bhiodh cèilidhean a’ dol eadar nan teaghlaichean, gu h-àraid air Didòmhnaich.

    Bha seachdnar a theaghlach ann agus a bharrachd air an sin bhiodh cìobair eile tric a’ fuireach aca. Bha obair am pailteas ri dhèanamh. Bhiodh ceithir màirt aca agus trì no ceithir a laoigh gam beathachadh. Bha mòine ri buain agus ri faighinn tioram, agus bha de bhuntàta na bhiadhadh deichnear ri chur agus ri fhàs. Bha feur ri dhèanamh agus bha cuimhne mhath aig Leagsaidh air an oidhche dannsa a bhiodh aca nuair a bhiodh na cruachan deiseil.

    Bha dachaigh Leagsaidh ann an Gleann Peighinn gus an robh i naoi bliadhna deug, ged bha i an ceann a cosnaidh anns a’ Ghearastan ron a’ sin. Bheireadh i greis ag obair air falbh agus an uair sin rachadh i dhachaidh a Ghleann Peighinn airson a piuthar a leigeil air falbh greiseag.

    Bha Leagsaidh còrr air ceithir fichead bliadhna nuair a chaidh a clàradh leis a’ BhBC. Bha i ann an Taigh Inbhir Nibheis sa Ghearastan an uair sin ach bha i cho dèidheil air òrain agus air ceòl ‘s a bha i nuair a bha i òg, gu h-àraid ma bha beagan spòrs na lùib.

    Chaochail i anns a’ Ghearastan air an latha a bha i ceithir fichead ‘sa dha dheug, anns an Dùbhlachd naoi ceud deug ceithir fichead ‘sa sia.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran air fad

    Bal Loch Arcaig
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Dòmhnall MacIllFhinnein
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Leacsaidh Chaimbeul, Gleann Peighinn

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss