iPlayer Radio What's New?
Image for 07/02/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

07/02/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Sunday 07 February 2010

Òran an Là / Song For the Day

  • O Ìosa, Bi ’n Còmhnaidh air M’ aire Gach Uair

    Rinneadh an laoidh O Ìosa, Bi ’n Còmhnaidh air M’ aire Gach Uair le Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Uibhist a Deas. Rugadh e ann am Peighinn an Aoirein ‘s a bhliadhna naoi deug ‘s a naoi deug do theaghlach a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bh’ aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. B’e an seanchaidh ainmeil Donnchadh Mac Dhòmhnaill ‘ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b’ athair dha, agus bha Niall, bràthair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche.
    Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thàinig è tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig àm an dàrna cogaidh, b’ ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh’fhàs è dha-rìribh dlùth dha chreideamh.
    B’ ann sa champa phrìosanach a thòisich e an dàn mòr Moladh Uibhist, leis na choisinn e Crùn a’ Bhàird aig Mòd Ghlaschu. Bha sin ann an naoi deug dà fhichead ‘s a h-ochd.
    Anns an laoidh O Ìosa, Bi ’n Còmhnaidh air M’ aire Gach Uair, tha e a’ guidhe gum biodh Ìosa daonnan maille ris, agus e ag aithris air cho falamh sa bhiodh a bheatha às aonais.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran air fad

    O Ìosa, Bi ’n Còmhnaidh air M’ aire Gach Uair
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Dòmhnall Iain Dòmhnallach
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Iseabail T NicDhòmhnaill

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss