iPlayer Radio What's New?
Image for 09/01/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

09/01/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Saturday 09 January 2010

Òran an Là / Song For the Day

  • Sìne Bhàn

    Uill, 's e Fergie Dòmhnallach a tha seo agus mar as trice tha sibh ga mo chluinntinn air a' bhocsa ach an uair seo tha mi dol a dh'innse dhuibh mu dheidhinn an t-òran as fheàrr leam-sa, 's e sin Sìne Bhàn.

    Bha mise uair uabhasach measail air nighean òg à Ile agus 's e Ella a bh' oirre agus sin far an do dh'ionnsaich mise na facail agus am fonn aig Sìne Bhàn.

    An t-òran fhèin, tha meall ann. Chan e òran trom a th' ann ach tha e ag innse dhut mu dheidhinn an duine a bha seo à Ile agus dh'fhalbh iad dhan chogadh agus bha e a' smaoineachadh air an nighean aige fad na h-ùine a bha e air falbh agus e an dùil gun tilleadh e latheigin agus gum pòsadh iad shìos ann am Port na h-Abhainne. Agus sin agad am meas a th' agamsa air an t-òran a tha sin.

    'S e Donnchadh Mac Iain a rinn an t-òran. Rinn e iomadh òran ach tha mi smaoineachadh gur e Sìne Bhàn an t-òran as fheàrr a rinn e a-rìamh. Agus ga sheinn, uill chan eil duine nas fheàrr na Dòmhnall MacLeòid, Iain Shandaidh à Port na h-Abhainne e-fhèin.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran air fad

    Sìne Bhàn
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Donnchadh Mac Iain Ìle
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Dòmhnall MacLeòid, Ìle
  • An t-Òran as Fheàrr Leam, le Fergie Dòmhnallach

    Fergie Dòmhnallach

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss