iPlayer Radio What's New?
Image for 08/01/2010

Listen now 5 mins

Listen in pop-out player

08/01/2010

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Friday 08 January 2010

Òran an Là / Song For the Day

  • Gur e mo Ghille Dubh Dhonn

    Seo sgeulachd a dh’innis Seumas Ros nach maireann mun òran Gur e mo ghille Dubh Dhonn air prògram Gàidhlig a’ BhBC air 13 Màrt 1966.

    Uair dha robh saoghal bha gille agus nighean a’ fuireach an Ceann Tangabhal am Barraigh ris an canadh iad Dòmhnall Ruadh agus Catriona ni’n Aonghais. Bha iad a’ dol a phòsadh agus rèitich iad.

    Eadar am pòsadh agus an rèiteach dh’fhalbh sgoth à Ceann Tangabhal a dh’Èirinn a dh’iarraidh sìol, agus ‘s ann a dh’fhalbh Dòmhnall Ruadh còmhla riutha, a dh’iarraidh pige na bainnse.

    Ràinig iad Èirinn, àite ris an canadh iad An Iùbhraidh. Bha bàl mòr dannsa a’ dol as a’ bhaile, ‘s chaidh Dòmhnall Ruadh chun an dannsa mar dhuine ‘s mar dhithis a bh’ ann.

    Thachair e ri boireannach ann an sin, tè bheartach a bha mòran na b’fheàrr dheth na bha e fhèin. Ghabh ise i fhèin tlachd de Dhòmhnall Ruadh. Mar a chanadh iad “leag i d’a bheul agus d’a shlighe” agus cha robh dol às aige.

    Dhiochuimhnich e mu Chatrìona bhochd agus phòs e a’ bhean Èireannach.
    ‘S ann à mulad Chatrìona a thàinig an t-òran.

    Bha gille aige fhèin agus a bhean Èireannach agus bha Dòmhnall Ruadh airson a thoirt dhan leabaidh còmhla riutha air an oidhche ach cha robh a bhean idir air a shon.

    An oidhche bha seo nuair a chunnaic ise gu robh e airson a thoil fhèin fhaotainn, thuirt i “Nach uabhasach mar a dh’èirich dha na daoine bochda fhèin! Na droch chleachdannan a bh’ aca.”

    Cha do dh’èist Dòmhnall ris a’ chòrr. Chuir e aodach air is thug e an dubh-leum as an leabaidh agus chan fhaca ise no duine eile air thalamh a dhubh no a dhath tuilleadh.

    Tha iad a’ cantainn gur e a’ chogais a bha a’ cur dragh air Dòmhnall Ruadh, a’ fear nach robh dìleas do bhòid a rèitich.

    Gur e mo ghille dubh dhonn, le Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal, air a sheinn le Flòraidh NicNèill.

  • Leugh na facail agus èist ris an t-òran air fad

    Gur e Mo Ghille Dubh Dhonn
  • Fiosrachadh mun Ùghdar

    Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal
  • Fiosrachadh mun t-Seinneadair

    Flòraidh NicNèill

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss