Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

Release date:

6 minutes

Last on

Fri 23 Oct 2009 11:55

Litir 538 - Gobhair ann an Alba

Dè cho tric agus a chunnaic sibh gobhar ann an Alba? Chan eil mi a’ ciallachadh gobhar mòr geal air cùl feansa, ach an fheadhainn a tha a’ fuireach sa mhonadh. Chunnaic mi fhìn a leithid grunn tursan, mar eisimpleir anns an Eilean Dubh, ann an Colbhasa, ann an Srath Spè agus – o chionn ghoirid – faisg air Ceann Loch Iù ann an Siorrachd Rois.

Bha mi a’ coiseachd còmhla ri feadhainn eile eadar an Lochan Fada ann am Frìth Leitir Iù agus Loch Maruibhe. Bha sinn ann an gleann ris an canar Gleann Bianasdail. Faisg air làimh tha meall air a bheil Meallan Ghobhar mar ainm. Chunnaic mi ceumannan tron fhraoch air taobh thall an uillt. Bha an talamh gu math cas. Dè eile a dhèanadh slighean mar sin ach gobhair?

Bha mi a’ smaoineachadh gur ann air taobh thall an uillt a bhiodh na gobhair fhèin. Ach bha an cù agam air thoiseach orm, a’ ruith gu sunndach. Gu h-obann, stad e. Bha e a’ coimhead air rudeigin. Bha amharas agam gur e gobhar a bh’ ann. Agus ’s e – boc mòr le adharcan mòra. Cha robh an cù ro dheònach dhol faisg air. Is beag an t-iongnadh! Bha mi a’ leughadh rudeigin annasach o chionn ghoirid mu ghobhair ann an Alba. Bha easbaig Èireannach air turas a dh’Alba ann an seachd ceud deug is trì fichead. B’ esan Ridseard Pococke – easbaig Pròstanach agus mac aig clèireach Sasannach. Bha e air leabhar a sgrìobhadh mu thràth mun Ear-mheadhanach, bha e air a bhith ann an Arcaibh bliadhnaichean roimhe agus a-nise bha e airson a dhol a choimhead air ceann a tuath tìr-mòr na Gàidhealtachd.

Chaidh Pococke a thadhal air uaislean na sgìre agus sgrìobh e cunntas mu mhuinntir an àite. Mhol e na daoine. Bha iad tapaidh is beòthail, shaoil e. Chaidh e air chuairt air a’ Pharbh agus ’s ann an sin a dh’ionnsaich e rud annasach mu ghobhair. Bidh gobhair a’ marbhadh is ag ithe nathraichean. Chan fhaca mi fhìn a leithid idir, ach saoil a bheil e fìor?

Uill, chlàir Alasdair MacNeacail seanfhacal co-cheangailte ri sin: Cleas na goibhre ’gith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach.

Tha MacNeacail ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil – ann an cuid de cheàrnaidhean co-dhiù – dhen bheachd gun itheadh gobhair nathraichean. Bhiodh gobhar a’ stampadh air ceann na nathrach an toiseach. An uair sin bhiodh e ga h-ithe, earball an toiseach. 
Fhad ’s a bhios gobhar a’ dèanamh sin, bidh e a’ dèanamh fuaim mar gu bheil e a’ talach, no a’ gearain.

Bha mi airson faighinn a-mach a bheil a leithid clàraichte ann an àiteachan eile. Mar sin, chaidh mi gu màthair-uisge an fhiosrachaidh – an t-eadar-lìon. Seadh – tha fhios a’m – ’s e cleachdadh cunnartach a th’ ann.

Tha bhidiothan goirid mì-thlachdmhor air an eadar-lìon de nathraichean ag ithe ghobhar. Ach lorg mi aon chunntas de ghobhar a dh’ith nathair. Tha fear anns na h-Innseachan air a bheil Mohammed Pasha. Bidh Mohammed a’ reic èisg. Bha gobhar aige ceangailte ri teadhair faisg air an àite far an robh e a’ reic an èisg. Agus bha a ghobhar ag ithe an èisg! 

A-nise bidh e ag ithe còrr air còig cileagraman èisg gach latha! Aon turas dh’ith an gobhar nathair. Nam biodh Mohammed còir eòlach air an t-seanfhacal Ghàidhlig, cha bhiodh iongnadh sam bith air!

Faclan na Litreach

gobhar: goat; Ceann Loch Iù: Kinlochewe; Frìth Leitir Iù: the Letterewe deer forest; Loch Maruibhe: Loch Maree; uaislean: gentry; a’ gearain: complaining; na h-Innseachan: India.

Abairtean na Litreach

chunnaic mi fhìn a leithid grunn tursan: I myself saw the like on several occasions; ceumannan tron fhraoch: paths through the heather; taobh thall an uillt: the far side of the burn; dè eile a dhèanadh slighean mar sin?: what else would make routes like that?; air thoiseach orm, a’ ruith gu sunndach: ahead of me, running happily; boc mòr le adharcan mòra: a big buck with big horns; is beag an t-iongnadh: it’s hardly surprising; easbaig Pròstanach agus mac aig clèireach Sasannach: a Protestant bishop and son of an English cleric; mun Ear-mheadhanach: about the Middle East; tapaidh is beòthail: well built and energetic; air chuairt air a’ Pharbh: on a journey to Cape Wrath; saoil a bheil e fìor?: do you reckon it’s true?; a’ stampadh air ceann na nathrach an toiseach: stamping on the snake’s head to start with; earball an toiseach: tail first; màthair-uisge an fhiosrachaidh – an t-eadarlìon: the wellspring of [all] knowledge – the internet; cleachdadh cunnartach: a dangerous practice; bhidiothan goirid mì-thlachdmhor: short unpleasant videos; aon chunntas deghobhar a dh’ith nathair: one account of a goat that ate a snake; ceangailte ri teadhair: tied to a tether; faisg air an àite far an robh e a’ reic an èisg: close to the place where he was selling fish; còrr air còig cileagraman èisg gach latha: more than 5 kg of fish every day; cha bhiodh iongnadh sam bith air: he would not be surprised.

Puing-chànain na Litreach

gleann ris an canar Gleann Bianasdail: a glen called Gleann Bianasdail. You might wonder why I haven’t followed the guidelines of the Gaelic Orthographic Conventions (GOC) and replaced the sd in Bianasdail with st (èisd has become èist and an-dràsda has become an-dràsta, for example). In fact I have followed GOC guidelines. They also tell us where the sd is part of a name of Norse origin in which the final element is dal/dail eg Lacasdal, Baghasdail, that the dal/dail should be preserved for the sake of its etymology.

Seanfhacal na Litreach

Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach: the goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here