Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

Release date:

6 minutes

Last on

Sat 17 Oct 2009 10:55

Litir 537: Bàrdachd Rob Dhuinn

Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil bheag air beatha is bàrdachd Rob Dhuinn anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh. Tha mi a’ dol a thoirt sin gu crìch an-diugh le bhith a’ toirt sùil bheag air dàn a sgrìobh e. Tha e mu dheidhinn, mar gum biodh, an sealladh eadar-dhealaichte aig na Gàidheil agus aig na Goill air dùthaich agus dòigh-beatha nan Gàidheal – gu sònraichte ann an Dùthaich MhicAoidh.


Tha Rob a’ samhlachadh nan Gàidheal mar Iseabail, nighean aig Iain MacEachainn ’ic Iain. Bha Rob a’ fuireach còmhla ri Iain anns an t-Srath Mhòr fad ùine mhòr. Bha e ag obair mar bhuachaille dha. Bha Rob is Iseabail a’ faighinn tlachd bhon àrainneachd aca. Air an taobh eile, a’ riochdachadh sealladh nan Gall, mar gum biodh, tha piuthar Iseabail – Màiri. Tha Màiri air a bhith san sgoil ann anInbhir Theòrsa – baile an ìre mhath Gallta – agus tha droch bheachd air èirigh na cridhe air Dùthaich MhicAoidh:

Cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’,
Bu mhist’ e e gu bràth,
Dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn,
Mhill e mi ’s mo shlàint’,
Pàirt de m’ acainn bràigheach Mheirceinn,
’S àit gun mharcaid e,
Ach spàin is copraich ’s bà-theach fosgailt’
’S gràinne shòp ri làr.


Tha i a-mach air Meirceann far nach robh marcaid – an coimeas ris na bailtean Gallta far an robh a leithid. Tha Meirceann air bruach Loch Hòb, gu tuath air Muiseal far an robh dachaigh Iain MhicEachainn ’ic Iain. Agus an do mhothaich sibh am facal bà-theach. Mar a sgrìobh Rob Donn e, tha e follaiseach cò às a thàinig am facal bàthaich – bho bà-theach no “cow house”.

Co-dhiù, tha Iseabail a’ freagairt casaidean Màiri, le bhith a’ dearbhadh cho brèagha ’s a tha an dùthaich dhi. Cuimhnichibh gun robh na bàird Ghàidhealach a’ sgrìobhadh ann an dòigh, dh’fhaodadh tu ràdh, romansach mun àrainneachd mus robh a leithid a’ tachairt ann an saoghal na Beurla:
Ciod am fàth mun tug thu fuath
’S ann do na bruachaibh àrd?
Nach fhaic thu fhèin nuair a thig an sprèidh
Gur feumail iad len àl?
Cha chràdh cridh’ air làrach shuidhe
Fuaim na lighe làin
Don ghnàth bhith cladhach ro a h-aghaidh
Is feur an dèidh a’ fàs.

Tha Màiri ge-tà, a, leantainn, co-dhiù ann am mac-meanmna a’ bhàird, le a h-argamaid:
Na bha fìrinneach de d’ amhran
Fhad ’s a bha ’n samhradh blàth,
Rinn e tionndadh Oidhche Shamhna,
’S bheir an geamhradh ’shàr.
Duille shuidhicht’ bàrr an fhiodha,
Dh’fhàs i buidhe-bhàn,
’S tha beauty an t-Srath air call a dhath
Le steall de chathadh-làir.
Ged nach robh Beurla aig Rob a-chaoidh, bhiodh e a’ stobadh a-steach fhaclan Beurla do a chuid bàrdachd aig amannan. ’S dòcha gun robh e a’ riochdachadh dòigh-labhairt nan uaislean a bha dhen bheachd gun robh e fasanta a bhith a’ cleachdadh fhaclan Beurla. Tha freagairt aig Iseabail do chasaidean Màiri. Ach cò bha a’ bruidhinn ann an dha-rìribh – Iseabail no Rob fhèin? Fàgaidh mi sibh leis an rainn seo air a bheil mi fhìn uabhasach measail. Tha e a’ riochdachadh gu soilleir bòidhchead an earraich air a’ Ghàidhealtachd:

Glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh
Sin a chrann e ’n-dràst;
Beith is calltainn Latha Bealltainn Gealltanach air fàs.
Bidh gruth is crathadh air na srathaibh
’S teirgidh ’n cathadh-làirNach binn an sealladh, glinn a’ stealladh
Laoigh is bainne ’s bàrr.

Faclan na Litreach

buachaille: herdsman; Inbhir Theòrsa: Thurso; Muiseal: Muisel; romansach: romantic; mac-meanmna: imagination.

Abairtean na Litreach

bàrdachd Rob Dhuinn: Rob Donn’s poetry; anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; mar gum biodh: as it were; tha Rob a’ samhlachadh nan Gàidheal mar Iseabail: Rob represents the Gaels as Ishbel; tlachd bhon àrainneachd aca: pleasure from their surroundings; cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’: anyone doing as I have done; bu mhist’ e e: he’d be the worse for it; dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn: going to the mountain against my will; pàirt de m’ acainn bràigheach Mheirceinn: part of my grievance is the Merkin upland; gràinne shòp ri làr: grain chaff on the floor; ciod am fàth mun tug thu fuath: what is the reason for your antipathy; gur feumail iad len àl: that they are useful with their offspring; cha chràdh cridh’ air làrach shuidhe: it is no hardship to sit in a spot; fuaim na lighe làin: [in] the roar of the full flood; don ghnàth bhith cladhach ro a h-aghaidh: digging out its usual course; na bha fìrinneach de d’ amhran: what was true in your song; rinn e tionndadh Oidhche Shamhna: it changed at Halloween; bheir an geamhradh ’shàr: the winter will extinguish it; duille shuidhicht’ bàrr an fhiodha: the foliage situated at the treetops; steall de chathadh-làir: the onset of snowdrift[s]; glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh: the land will wait until summer; sin a chrann e ’n-dràst: it’s hibernating now; beith is calltainn Latha Bealltainn: birch and hazel on Beltane day; gruth is crathadh air na srathaibh: crowdie and churning in the straths; teirgidh ’n cathadh-làir: melting of the snow drifts; nach binn an sealladh, glinn a’ stealladh: how sweet the spectacle, glens a-spouting; laoigh is bainne ’s bàrr: calves and milk and cream.

Puing-chànain na Litreach

Ach spàin is copraich ’s bà-theach fosgailt’: but spoons and coppers andopen byre. Did you realise that the origin of the word bàthaich (dialectally bàthach) is bà-theach. Teach is an old word for house (and still the standard word for house in Irish Gaelic). Taigh is originally an inflected form of teach (we also derive a-steach from teach). Bà-theach is literally “cowhouse”ie “house of cows”.

Gnathas-cainnt na Litreach

air a bheil mi fhìn uabhasach measail: which I really like myself.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here