iPlayer Radio What's New?
Image for 09/08/2009

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

09/08/2009

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 09 August 2009

Còmhla ris an Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn, Eaglais na h-Alba. A church service taken by Rev Angus Smith of the Church of Scotland.

  • Fios mun phrògram:

    Fios mun phrògram:

    Rugadh Mgr Mac a' Ghobhainn ann an sgìre Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas, chaidh e gu bun sgoil Chnoc Iain Duibh, Àrd Sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.

    Chaidh a phòsadh ri clèir Uibhist agus bha e frithealadh cotheanal Bheinn a' Bhaoghla agus na mhinistear aig ionad an airm anns an sgìre.

    Chuir Mgr Mac a' Ghobhainn seachad a' chuid bu mhotha dhe mhinistearalachd aig an airm, a' frithealadh rèiseamaidean leithid Rèiseamaid na Bànrigh anns a' Ghearmailt, Èirinn a Tuath, Falklands agus bha e cuideachd na thaic aig rèiseamaidean air feadh na dùthcha eadar Sasainn is Alba agus bho àm gu àm a' dol còmhla ri seann shaighdearan agus os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus àiteachan eile. Dh’fhàg e an airm san Lunasdail 1991.

  • Barrachd fiosrachadh:

    Mìos as dèidh sin thòisich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear cuideachaidh aig gnìomhachas na h-Ola far an robh e stèidhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn ola sa Chuan a Tuath agus ann am Bàgh Poll a' Ghrùthain a latha agus a dh’oidhche.. Is iomadh Nollaig a chuir e seachad air clàr ola ann an droch thìde còmhla ris an luchd obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mhàirt 2006.

    Tha Mgr Mac a' Ghobhainn a nise air a dhreuchd a leigeil dheth, uill gu ìre co-dhiù ! Tha e nise a' fuireach ann an Dùn Èideann, ach tha obair na ministearalachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith searmonachadh anns a' Ghaidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann agus a' dèanamh seirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sgàth a bhith san airm no tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn gun robh iad anns an airm.

  • Barrachd fiosrachadh:

    Nuair a bhios ùine aige dha fhèin bidh e cur seachad tòrr ùine comhla ris an teaghlach aige – tha ceathrar mhac aige fhèin is aig a mhnaoi Seonag. Bidh e cuideachad a' cur seachad tòrr ùine a' leughadh – gu h-àraidh leabhraichean air diadhachd, a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain . Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl bho phuirt a beul gu ceòl clasaigeach agus a bharrachd air an sin is toigh leis a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' coiseachd thar nan gleann is seachad air na lochan agus a' cumail sùil air a' mhuir, dè eile a shùilicheadh tu bho eileanach.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss