Listen:
Availability:
Sorry, this programme is not available to listen again. (why?)
Last broadcast on Mon, 13 Jul 2009, 22:00 on BBC Radio nan Gaidheal (see all broadcasts).
Synopsis
Maureen NicLeòid aig aon de ne prìosanan as ainmeile, agus cuideachd a' seanchas ri Donaidh Large Dòmhnallach. Maureen MacLeod visits one of the most famous prisons ever.

Fios mun phrògram:
Aig toiseach a’ phrògraim-sa, tha Maureen air Eilean Alcatraz ann am Bàgh San Francisco.
Cluinnear beagan mu eachdraidh an eilein, mus robh e air a chleachdadh mar phrìosan. Tha Eilean Alcatraz gu math freagarrach mar àrainneachd thèarainte, le uisgeachan fuar is sruthan cunnartach mu thimcheall an eilein.
Cluinnear mu na ciad faireachdainnean a bh’ aig Maureen nuair a ràinig i Alcatraz; àite far an robh na prìosanaich as cunnartaich agus as troimhe-chèile bho air feadh nan Stàitean Aonaichte gan cumail aig aon àm. Bha tèarainteachd teann, agus tha Maureen a’ toirt dealbh air an t-seòrsa beatha a bh’ aig na h-oifigearan prìosain – bhiodh cuid dhiubh a’ togail teaghlaichean air an eilein.
Chithear seallaidhean mìorbhaileach bho air feadh an eilein, ged nach eil na seallaidhean air taobh a-staigh a’ phrìosain idir cho bòidheach. Cluinnear co ris a tha ceallan prìosain coltach, agus mu na h-oidhirpean a rinn còrr is fichead prìosanach air teicheadh. Bha a’ mhòrchuid dhiubh neo-shoirbheachail, agus chaidh am film Escape from Alcatraz a dhèanamh mun dithis bhràthair a fhuair às.
Cluinnear mu aon de na prìosanaich a b’ ainmeil a bh’ ann an Alcatraz, Al Capone, agus cuideachd mu na cosgaisean àrd a dh’adhbhraich gum b’ fheudar dhan phrìosan dùnadh.
Alcatraz
Tuilleadh fiosrachadh:
Anns an dara leth dhen phrògram, cluinnear Maureen a’ còmhradh ri Donnie MacDhòmhnaill, a th’ air a bhith a’ fuireach san sgìre airson còrr is fichead bliadhna. Am measg nan cuspairean air am bithear a’ toirt iomradh, cluinnear mu a bheatha ann an California, mu a bheatha mar chluicheadair-ciùil, agus mu na cuairtean do luchd-turais do dh’Alba a bhios e a’ cur air dòigh.
Taobh a-staigh Alcatraz
Broadcasts
-
Mon 13 Jul 200911:30
-
Mon 13 Jul 200922:00
