Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 19 Jun 2009 11:55

Litir 520: Dualchainnt nan iasgairean ann an Cromba

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu dhualchainnt nan iasgairean ann an Cromba – dualchainnt aig a bheil dìreach dithis luchd-labhairt a tha fileanta an-diugh. Thàinig leabhar beag a-mach mu a deidhinn o chionn ghoirid – The Cromarty Fisherfolk Dialect. Chaidh a chur ri chèile le Am Baile, stòrlann eadar-lìn a bhuineas do Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha mi a’ coimhead tro liosta de dh’fhaclan anns an dualchainnt sin agus tha feadhainn dhiubh furasta gu leòr a thuigsinn. Tha iad coltach ri faclan ann an dualchainntean eile de dh’Albais. Seo eisimpleir no dhà – bauchles (seann slioparan), belligut (neach sanntach), guloot (fear a tha gròt a dhìth an tastain) agus howp (balgam riòl). Agus tha faclan aca nach fhaighear ann an dualchainntean eile, mar eisimpleir sallikatazaar a tha a’ ciallachadh “deillseag”.

Ach bha Cromba air a chuairteachadh fad ùine mhòr le Gàidhlig agus tha faclan ann an dualchainnt nan iasgairean a dh’èirich bho thùsan Gàidhlig. Seo eisimpleirean bhon leabhar: amitan (a fool), boddach (odd, old man), brachtan (a young chaffinch – bhon Ghàidhlig breacan), buss (a mouth), callach (old woman), cootyach (family group,company or clan) agus crogs (fingers).

Seo feadhainn eile: door cans (fir cones used to smoke fish – bhon Ghàidhlig durcan), dossan (fringe, forelock), gob (the opening or mouth of a receptacle) agus gullachan (an earwig). Agus tha greesoch ann. Tha sin a’ ciallachadh “shivery, shuddery”.

Ged a thàinig a’ Ghàidhlig grìs, grìseach bho Albais bho thùs, tha e coltach gun d’ fhuair na Crombaich am facal greesoch bhon bhuadhair Ghàidhlig.

Seo corra fhacal eile ann an dualchainnt iasgairean Chrombaidh a thàinig bhon Ghàidhlig a rèir choltais: laroch (a house site), meenyach (greedy for dainty fare), parton (small crab), ropach (untidy), sheemie (straw rope – bhon Ghàidhlig sìoman), smoorach (fire ash) agus spatyel (grand or well-dressed – chanadh iad “he’s rael spatyel the day”).

’S e am facal a bh’ aca orra fhèin Croompach – sin cuideigin a bhuineas do Chromba. Tha sin gu cinnteach bhon Ghàidhlig Crombach. Agus, gu h-inntinneach chanadh iad Ballachalls ris na daoine a bhuineadh do dh’Inbhir Pheofharain. Ann an Ros an Ear ’s e Bail’ a’ Chàil a chanadh muinntir an àite ri Baile Inbhir Pheofharain airson ùine mhòr.

Eadhon an-diugh tha feadhainn anns an sgìre leis am b’ fheàrr Baile a’ Chàil a bhith ann mar ainm Gàidhlig seach Inbhir Pheofharain no, mar a chanar ann an Ros an Iar, Inbhir Pheafharain.

Ann an Cromba bha seann tobar ann air an robh The Stroopie Well. Bha muinntir an àite a’ dèanamh dheth gun robh an t-uisge sin na leigheas airson iomadach rud. Airson a bhith èifeachdach, ’s e clann òg a dh’fheumadh an t-uisge a thoirt dhachaigh. Agus gheibheadh a’ chlann duais. B’ e sin bonnach beag le toll anns a’ mheadhan a bh’ air a dhèanamh leis an taois agus min-fhlùir a bh’ air fhàgail air a’ chlàr-fhuine nuair a bha an t-aran air a dhol don àmhainn.

Ann an Gàidhlig ’s e bonnach fallaid a chanadh daoine ri a leithid. Ann an dualchainnt nan iasgairean Crombach, chanadh iad bonnach faaly ris. Bhathar a’ creidsinn gun robh am bonnach sin a’ toirt deagh fhortan don taigh. Air an làimh eile, thigeadh droch fhortan nan cuirte min-fhlùir air ais don chiste.

Bha an aon chleachdadh aig na Gàidheil. Bha iad fhèin agus iasgairean Chrombaidh a’ creidsinn an aon rud. Bha diofar chànanan aca, ach bha mòran anns a’ chumantas eatarra.

Faclan na Litreach

dualchainnt: dialect; Albais: Scots Language; Cromba: Cromarty;deillseag: skelp; grìs: horror, shuddering; grìseach: shivering; Crombach: a native ofCromarty;

Abairtean na Litreach

stòrlann eadar-lìn a bhuineas do: an internet database which belongs to; tha feadhainn dhiubh furasta gu leòr a thuigsinn: some of them are easy enough to understand; fear a tha gròt a dhìth an tastain: a simple man; nach fhaighear ann an X: which are not found in X; air a chuairteachadh fad ùine mhòr le: surrounded for a long time by; a dh’èirich bho thùsan Gàidhlig: which arose from Gaelic origins; gun d’ fhuair na Crombaich am facal bhon bhuadhair Ghàidhlig: that the Cromarty folk got the word from the Gaelic adjective; ann an Ros an Ear ’s e Bail’ a’ Chàil a chanadh muinntir an àite ri Inbhir Pheofharain: in Easter Ross the locals called Dingwall Bail’ a’ Chàil (“cabbage town”); leis am b’ fheàrr Baile a’ Chàil a bhith ann mar ainm Gàidhlig: who would prefer Baile a’ Chàil to be the Gaelic name; mar a chanar ann an Ros an Iar: as is said in Wester Ross; na leigheas airson iomadach rud: a cure for many things; ’s e clann òg a dh’fheumadh an t-uisge a thoirt dhachaigh: it’s young children that would need to bring the water home; bonnach beag le toll anns a’ mheadhan: a wee bannock with a hole in the middle; thigeadh droch fhortan nan cuirte min-fhlùir air ais: bad luck would come if meal/flour were put back.

Puing-chànain na Litreach

bonnach fallaid. A bannock made with fallaid – a word that sums up a lot in Gaelic tradition (do any of you know its origin?) Fallaid was the dry meal and fragments of unused dough left on the baking board (clàr-fuine) when the bread went in the oven. It was considered unlucky to put unused meal (min-fhlùir) back in the meal kist (ciste-mhine) or to throw away unused dough (taois). So the fallaid would be swept up with a feather and the bonnach fallaid made in the hands (without kneading it on the board). Then a hole would be made in it with the forefinger of the right hand. The hole charmed the baking, but only after a child who had collected the water from the special well was given the bonnach fallaid. The water from the well was sprinkled around the fire to complete thecharm.

Gnathas-cainnt na Litreach

bha mòran anns a’ chumantas eatarra: they had much in common (there was much in common between them).
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Added. Check out your playlist Dismiss