iPlayer Radio What's New?
Image for 17/05/2009

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

17/05/2009

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 17 May 2009

Còmhla ri Iain Moireach, Eaglais Shaor Dowanvale, Glaschu. A service taken by John Murray of the Free Church of Scotland, Dowanvale, Scotland.

  • Fios mun phrògram

    'S e Iain Moireach, a tha na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu, a tha searmonachadh dhuinn air an t-seachdain seo.

  • Iain Moireach

    'S ann do bhaile Shuainbost ann an Nis a bhuineas Iain Moireach, chaidh e gu sgoil Chrois agus Lionail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e gu baile mòr Ghlaschu.

    Bha Iain na nurs son daoine bha fulang le tinneas inntinn ann an Ospadail Hawkhead ann an Glaschu fad deich bliadhna. Chaidh e gu obair gu math eadar-dhealaichte as dèidh sin far an robh e sàs ann a bhith reic àrachas 's a' toirt comhairle ionmhais seachad, tha e fhathast an sàs anns an obair sin ged a tha e nis ag obair gu neo-eisimealach.

    Tha Iain pòsta aig Màiri Anna à Siabost agus bidh iad leth cheud bliadna pòsta san t-Sultain- sa tighinn. Tha dithis mhac aca agus ceathrar oghaichean (clann-nighean air fad)

    Tha Iain na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu agus uair no dhà sa mhìos cuideachd bidh e a’ searmonachadh anns an eaglais, an-dràsta cuideachd bidh e a’ cuideachadh le bhith cumail seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba air Sràid Ghardner bho leig am ministear dheth a dhreuchd.

    Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith dol a-mach a choiseachd agus cuideachd a bhith dol air chuairt air feadh bhailtean na dùthcha, bidh e fhèin is Màiri Anna gu math tric a' gabhail là dheth agus a' falbh air chuairt gu bailtean costa na dùthcha. Bidh iad cuideachd gach bliadhna a' tadhail air a' Chuimrigh agus air St Anne’s agus cha bhi iad idir a' dìochuimhneachadh tadhal air Nis agus Siabost.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss