Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

16/02/2009

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

Release date:

5 minutes

Last on

Mon 16 Feb 2009 19:00

An Litir Bheag 197

’S e Gàidhlig chutach a tha againn. ’S e sin a thuirt fear ann an Siorrachd Obar Dheathain. Bha e a’ ciallachadh, “We speak clipped Gaelic.” Gàidhlig chutach.

            Ann an àiteachan air tìr-mòr, canaidh daoine bail airson baile, agus duin airson duine. Tha an “e” aig an deireadh a’ falbh. ’S e sin Gàidhlig chutach.

            Bha mi a’ leughadh stòiridh beag ann an dualchainnt Obar Dheathain. Tha e anns an iris ùr de Scottish Gaelic Studies. Bha an stòiridh air a chlàradh air pàipear le Francis Diack. Bha sin ann am Bràigh Mhàrr anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn (1920s). Thug an sgoilear, Seumas Grannd, sùil air an stòiridh.

            Dè rudan eile a chì sinn ann an Gàidhlig Siorrachd Obar Dheathain? An toiseach, eisimpleir eile de chut-adh. Cha robh daoine a’ cantainn an     –adh aig deireadh fhaclan. Mar eisimpleir, chanadh iad tuill airson tuilleadh.

An àite dol bha muinntir Siorrachd Obar Dheathain ag ràdh dul. Tha sin cumanta air tìr-mòr. Bha an nn coltach ri ng ann am Beurla. Mar eisimpleir, bha daoine ag ràdh “shing” airson a’ seinn. Bha iad ag ràdh agus “s vating” airson sa mhadainn. Agus – rud eile a tha cumanta air tìr-mòr – bha iad ag ràdh “aki” airson agaibh agus “shi” airson sibh.

            Bha Gàidhlig Siorrachd Obar Dheathain agus Gàidhlig Shrath Spè rudeigin coltach ri chèile. Tha sin annasach, ’s dòcha, oir tha beanntan àrda eadar an dà sgìre. ’S e sin am Monadh Ruadh.

            Tha Seumas Grannd a’ cur air adhart dà smuain. Cha robh na Gàidh-eil anns an t-seann aimsir a’ coimhead air a’ Mhonadh Ruadh mar chnap-starra. Bha tòrr dhaoine a’ gluasad eadar Srath Spè is Bràigh Mhàrr. Bha iad a’ dèanamh sin airson malairt agus airson gnothaichean sòisealta.

            Cuideachd, feumaidh sinn na fineachan a chumail nar cuimhne. Bha Bràigh Mhàrr fo smachd Clann ’ic Fhearchair. Agus dh’èirich iadsan bho na Seathaich ann an Srath Spè. Mar sin, bha ceangal eachdraidheil ann eadar na daoine air gach taobh dhen Mhonadh Ruadh.

The Little Letter 197

We speak clipped Gaelic. That’s what a man in Aberdeenshire said. He was meaning “We speak clipped Gaelic.” Clipped Gaelic.

        In places on the mainland, people say bail for baile, and duin for duine. The “e” at the end disappears [leaves]. That’s clipped Gaelic.

        I was reading a wee story in the Aberdeen dialect. It is in the new edition of Scottish Gaelic Studies. The story was recorded on paper by Francis Diack. That was in Braemar in the 1920s (the twenties of the twentieth century). The scholar, Seumas Grant, scrutinized the story.

 

        What else do we see in Aberdeenshire Gaelic? To begin with, another example of clipping. People weren’t saying –adh at the end of words. For example they would say tuill for tuilleadh.

        Instead of dol the Aberdeen-shire folk were saying dul. That’s common on the mainland. The nn was like the ng in English. For example, people were saying “shing” for a’ seinn. They were saying “s vating” for sa mhadainn. And – another thing that’s comm-on on the mainland – they were saying “aki” for agaibh and “shi” for sibh.

        The Gaelic of Aberdeenshire and of Strathspey were alike. That’s strange, perhaps, because there are high mountains between the two areas. That’s the Monadh Ruadh [Cairngorms].

        Seumas Grant puts forward two ideas. The Gaels in olden times weren’t looking on the Cairngorms as a barrier. Many people were moving between Strathspey and Braemar. They were doing that for purposes of trade and social affairs.

        Also, we must keep the clans in our thoughts [memory]. Brae-mar was under the control of the Farquharsons. And they arose from the Shaws in Strathspey. Thus, there was a historical link between the people on each side of the Cairngorms.

An Litir Bheag air LearnGaelic

LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast: An Litir Bheag

Ruairidh

The Little Letter for Gaelic Learners

All the letters

An Litir Bheag 122

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.