1. BBC ALBA
  2. Programmes
  3. Cocaire nan Cocairean
  4. Episode 9

Episode 9

Watch:

Availability:

Sorry, this programme is not available to watch again. (why?)

Last broadcast on Sun, 19 Jul 2009, 22:00 on BBC ALBA (see all broadcasts).

Synopsis

Co a tha dol a tharruing aire nam britheamh anns a' chiad iar chuairt dheireannach dhen fharpais? Two chefs try to attract the judges in the first quarter-final of the competition.

Reasabaidh 1 - Mairead NicDhonnchaidh

Gibearnach air a fhraighigeadh

Gibearnach
Sùgh 1 teile
1 chilli ùr, dearg no uaine, air a ghearradh tana
1 – 2 pìosan creimh
Ola a’ chroinn-ola
Uinnean
Peabar dearg
Salann & Piobar

Thoir an ite agus an inc às an iasg agus nigh gu math.
Slisinn e gu tana agus cuir ann am mairinèid mu ½ a thìde.
Fraighig ann a’ wok airson tiotan no dhà. Thoir an aire nach toir thu cus bruich dha no bidh an gibearnach mar rubair. Cuir uinnean & peabar dearg dhan phana mus cuir thu ann an gibearnach.

Reasabaidh 2 - Mairead NicDhonnchaidh

Asnaichean uan-fheòil, le buntàta prann le creamh-gàrraidh is mearagan-beaga

Boned rack of lamb
Buntàta
Creamhan-gàrraidh
Ola a’ chroinn-ola & ìm airson a’ bhuntàta phrann
Ròs sìor-gheal

Fraighig an uan-fheòil airson 10 mionaidean gach taobh, no nas fhaide ma tha thu airson barrachd bruich a thoirt dhi. Cha leig thu leas ola a chur dhan phana ach còmhdaich an fheòil le ola mus fraighig thu i agus cuir oirre ròs sìor-gheal. Goil am buntàta.
Fraighig an creamh-gàrraidh ann an ola is ìm.
Prann am buntàta agus an creamh-gàrraidh còmhla.
Geàrr na mearagan-beaga air am faid is fraighig iad.

Reasabaidh 1 - Dòmhnall MacAoidh

Brisgean le abhocado & muasgain-chaola

50g/2 unnsa muasgain-chaola air am bruich
¼ abhocado (air a sgrìobadh a-mach na bhàlaichean cruinn)
5 unnsaichean/150ml uachdar dùbailte
¼ spàin-tea mustard Dijon
peirsill air a ghearradh
criomagan de dh’aran ruadh bho aon shlis de dh’aran slàn-ghràn
1 spàin-tea càise parmesan (air a bhleith)
cadag piobair cayenne

Mar a nì thu e:
Measgaich an t-uachdar agus am mustard, cuir ann an abhocado agus na muasgain-chaola agus dòirt ann an soitheach beag cruinn. Measgaich na criomagan arain, càise agus cayenne – crath air uachdar nam muasgain-chaola. Bruich san àmhainn aig 180c fairson 10 – 15 mionaidean.
Tog e le aran agus duilleagan sailead.

Reasabaidh 2 - Dòmhnall MacAoidh

Cearcaill de dh’fhiolait muc-fheòil le sabhs de leann-ubhail, uabhal, basgaid filo is buntàta duchesse

1 spàin-bhùird de mhin phlèan
200g/8 unnsaichean fiolait muc-fheòil
50g/2 unnsa ime
1 sgalaid (uinnean beag) air a ghearradh beag
150ml/5 unnsaichean leann-ubhail
1 ubhal
150ml/5 unnsaichean sùgh circe
1 bhuidheagan uighe beag
4 siotaichean pastraidh filo 20cm x 20cm
coerce-milis beag, mange tout, curran
3 buntàta (Kerrs Pink airson am prannadh)

Cuir air an àmhainn aig 180c.
Suath raobh a-staigh an t-soithich le ìm air a leaghadh.
Suath ìm air aon taobh dhen phastraidh agus brùth a-steach dhan t-soitheach le taobh an ime suas.
Bruich san àmhainn airson 15 mionaidean.
Leig leis fuarachadh beagan agus thoir às an t-soitheach e.
Goil is prann am buntàta agus cuir ann buidheagan uighe, salann is piobar.
Cuir ann am pocan pìoba e le gob rionnaig.
Cuir snìomhagan dheth air treidhe fuine air a crèiseadh.
Cuir dhan àmhainn e aig 200c airson 2 mhionaid.
Thoir a-mach e agus suath e le ugh air a bhualadh.
Cuir air ais dhan àmhainn gus am bi e ruadh.

Tuilleadh ...

Geàrr am fiolait ann an trì pìosan agus buail iad gu bheil iad còmhnard agus cuir orra salann is piobar.
Leagh an t-ìm ann am pana agus cuir ann a’ mhuc-fheòil.
Leig leatha fàs ruadh air an dà thaobh, thoir às a’ phana I agus cuir dhan àmhainn.
Cuir ann na sgalaidean agus bruich airson mionaid.
Cuir ann am flùr agus bruich airson mionaid eile. Cuir ann an sùgh mean air mhean agus buail a-steach an leann-ubhail.
Lùghdaich agus feuch a bheil salann is piobar gu leòr ann.

Bruich na lusan, sìolaidh iad agus cuir ìm nan ceann.
Cuir air dòigh iad sa bhasgaid filo.

Leagh an t-ìm ann am pana, rùisg an ubhal, thoir aiste am meadhan agus gear na cearcaill thiugha.
Fraighig san ìm gu bheil iad ruadh.

Nuair a thogas tu e, cuir cearcall ubhail air an truinnsear, cuir na cearcaill feòla mun cuairt agus dòirt an sabhs air uachdar.
Cuir a’ bhasgaid filo bhlàth air an truinnsear còmhla ris a’ bhuntàta.

Broadcasts

  1. Mon 12 Jan 2009
    20:30
  2. Thu 15 Jan 2009
    22:00
  3. Thu 16 Jul 2009
    20:30
  4. Sun 19 Jul 2009
    22:00

More details

A programme from

In this series

Previous:
Next:

Duration

30 minutes

More like this

Find related BBC ALBA programmes.

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.