Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Facal Oirbh 2

Speuradaireachd: Coinneach Iain MacAoidh agus Coinneach Iain Mac a’ Ghobhainn a' bruidhinn air oidhche bhrèagha, reòdhte, aig fìor dheireadh 1997.

‘S tric a bhiodh daoine le sùil air an adhar, a’ speuradaireachd, airson dèanamh a-mach dè seòrsa sìde a bha romhpa, no airson an slighe a dhèanamh aig muir agus air tìr.

Bidh iomadh duine le sùil ris a’ ghealaich agus ri na rionnagan, dìreach air sgàth cho tarraingeach ‘s a tha iad air oidhche reòdhte gheamhraidh. Cò againn nach do choimhead le iongantas air na Fir Chlis anns an àird a tuath ‘s iad a’ dannsa ‘s a’ deàlradh anns an adhar.

Cuideachd, cluinnear gnàthasan-cainnt is abairtean co-cheangailte ri nàdar an duine.

Release date:

30 minutes

Last on

Tue 13 Jan 2009 22:00