Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

11/02/2008

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Mon 11 Feb 2008 19:00

An Litir Bheag 144

Tha an t-seamrag iongantach. A bheil sibh eòlach air an t-seamraig? ’S e lus a tha innte. Tha i ainmeil ann an Èirinn. Ann an Gàidhlig na h-Èireann ’s e seamróg a chanas iad. Thàinig a’ Bheurla shamrock bhuaithe sin.

Tha cuid ag ràdh gur e Naomh Pàdraig a thug an t-seamrag a dh’Èirinn. Chuir e às do na nathraichean an toiseach. Cha toigh le nathraichean seamragan, a rèir beul-aithris. Chuir Naomh Pàdraig cluaintean dhen t-seamraig ann an Èirinn. Às dèidh sin, cha robh na nathraichean a’ dol a thilleadh!

Ach a bheil e soilleir dè an lus a tha anns an t-seamraig? O shean, b’ e a’ Ghàidhlig air clover – seamar. ’S e seamar beag – seamrag. ’S e an t-seamrag bhàn a chanas Gàidheil na h-Alba ri white clover no Trifolium repens. Tha am facal a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Tha Beinn na Seamraig anns an Eilean Sgitheanach agus tha Loch na Seamraig air a’ Pharbh. Tha na h-ainmean sin a’ ciallachadh “clover mountain” agus “clover loch”.

Ach tha lus eile ann air a bheil “seamrag” uaireannan. ’S e sin Oxalis acetosella – the wood sorrel. Tha na duilleagan trì-bhileach, mar a tha duilleagan Trifolium. An e Oxalis no Trifolium a chleachd Naomh Pàdraig ann an leasan mun Trianaid? Uill, chan eil sinn cinnteach. Ach bha an lus aige trì-bhileach. Bha an naomh a’ mìneachadh teagasg na Trianaid. Thuirt e gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon, dìreach mar a tha duilleagan na seamraig.

Bha an àireamh a trì mar rud sònraichte do na pàganaich mu thràth. Ach càite a bheil sin a’ fàgail na seamraig air a bheil ceithir bileagan air gach duilleig? The four-leaved clover. Ann am mòran chultaran, tha e a’ toirt deagh fhortan do dhuine. ’S e a’ Ghàidhlig air four-leaved clover “seamrag nam buadh” – the shamrock of the virtues. Seamrag nam buadh.

Dè nì thu ma lorgas tu seamrag nam buadh? Uill, cuir fod theanga i. Thathar ag ràdh gum faigh thu comasan ùra – comasan mar an dà-shealladh!

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: A bheil sibh eòlach air an t-seamraig?: are you familiar with the shamrock?; ’s e lus a tha innte: it [fem] is a plant; bhuaithe sin: from that; a thug an t-seamrag a dh’Èirinn: who took the shamrock to Ireland; chuir e às do na nathraichean an toiseach: he eliminated the snakes to begin with; cha toigh le nathraichean seamragan, a rèir beul-aithris: snakes don’t like shamrocks, according to oral tradition; chuir Naomh Pàdraig cluaintean dhen t-seamraig: Saint Patrick planted meadows of shamrocks; a’ dol a thilleadh: going to return; a bheil e soilleir dè an lus a tha anns an t-seamraig?: is it clear which plant is the shamrock?; air a’ Pharbh: at Cape Wrath (NW Sutherland); tha na h-ainmean sin a’ ciallachadh: those names mean; tha lus eile ann air a bheil “seamrag” uaireannan: there is another plant sometimes called “shamrock”; tha na duilleagan trì-bhileach: the leaves are trifoliate; a’ mìneachadh teagasg na Trianaid: explaining the doctrine of the Trinity; gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon: that Father, Son and Holy Spirit were separate but one; dìreach mar a tha duilleagan na seamraig: just as the shamrock’s leaves are; sònraichte do na pàganaich mu thràth: already special to the pagans; ann am mòran chultaran: in many cultures; deagh fhortan: good luck; seamrag nam buadh: four-leaved clover; dè nì thu ma lorgas tu: what do you do if you find; cuir fod theanga i: put it under your tongue; thathar ag ràdh gum faigh thu comasan ùra: it is said you will gain new abilities; an dà-shealladh: second sight [lit. the two sights].

An Litir Bheag air LearnGaelic

LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast: An Litir Bheag

Ruairidh

The Little Letter for Gaelic Learners

All the letters

An Litir Bheag 122

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.