iPlayer Radio What's New?
Èist
An-DrÀsta : Mac'illeMhìcheil
Còmhla ri Iain Mac'ille Mhìcheil
Image for Fr John MacMillan

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Last on

Duration:
1 hour
First broadcast:
Tuesday 25 December 2007

Chuala sibh am port; gheibh sibh a-nis a-mach mun duine fhèin.

  • Maighstir Iain Mac'IlleMhaoil

    Maighstir Iain Mac'IlleMhaoil

  • Eachdraidh Beatha

    Rugadh Iain Mac'Ille Mhaoil air 10 Cèitean 1880 ann am Baile na Creige, eilean Bharraigh. San Fhoghar 1894, dh'fhàg e a dhachaigh airson gluasad gu colaiste Blairs air iomall baile Obar Dheathain. As dèidh còig bliadhna a chur seachad ann am Blairs, ghluais Iain gu Issy agus Saint Sulpice. Nuair a chrìochnaich e oideachas, chaidh a shuidheachadh air 8 Dùbhlachd 1903 ann an àrd-eaglais an Òbain leis an easbaig Seòras Mac a' Ghobhainn. Chuir e seachad ùine san Òban mus do ghabh e dreuchd mar shagart paraiste Eilean Eige sna h-Eileanan beaga. Ann an 1908 lean e air a Bheinn nam Faoghla.

    As dèidh a' chiad chogaidh, dh'fhàg iomadh teaghlach Alba airson beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin thall thairis. Air 8 Màrt 1923 shiubhail Maighistir Iain cuide ri faisg air 300 eilthireach à Barraigh is Uibhist ‘s iad a' dèanamh an slighe gu ruige Canada. Thug iad ceithir là deug a' siubhal tarsainn a' Chuain Shiair air bòrd an t-soithich am Marloch.

    Ghabh e àite na shagart paraiste ann an Red Deer, Alberta air taobh an iar Chanada. Chuir e seachad dà bhliadhna an sin agus b' ann fìor thoilichte a bha e nuair a fhuair e brath tilleadh a dh'Alba. Chaidh a stèidheachadh ann am Baile a' Chaolais an toiseach agus ann an 1929 thill e a Bharraigh. Bha e na shagart paraiste ann an eaglais Chille Bharra sa Bhagh a Tuath gu 1935 agus as dèidh sin eaglais Naomh Bhrianain air ais am baile àraich.

    Dh'fhuiling e droch shlàinte airson iomadh bliadhna agus sa Ghiblean 1943 leig e seachad a dhreuchd. Chuir e seachad an còrr de bheatha ann an Athlasdal far a bheil seallaidhean eireachdail dhen Chuan Siar. Chaochaill e aig aois 72 bliadhna na dhachaigh fhèin air 1 Ògmhios 1951. Chaidh a chur gu fois air là ciùin brèagha ann an cladh Bhuirgh, air oir a' chuain a bhrosnaich e gu tric gu bàrdachd a chruthachadh.

    "Nuair a thairneas mi n ospag mu dheireadh
    'S thilgeas mi 'n craiceann sa bhuam.
    A cnuasachd a measg nach eil maireann
    Gheibh mi cladach nam buadh."

  • Turas Chanada

    “Rud de na Thachair” le na h-Eilthirich do Chanada leis an t-Athair Urramach Iain Mac'IlleMhaoil

    Air an ochdamh là den Mhàirt sa bhliadhna naoi ceud deug, fichead ‘s a trì thog am “Marloch” a h-acair am bun Loch Baghasdail ann an Uibhist a Chinne Deas. Air bòrd, maille ri ceudan eile bha trì cheud Eileanach à Beinn a' Bhaoghla, à Uibhist a Deas agus Barraigh. Bha iad a' fàgail tìr am breith agus an àraich gu saor thoileach a chum dachaighean a dhèanamh ann an tìr Chanada. Bha mise còmhla riutha. Ged a bhithinn beò gu sìorraidh, cha dhìochuimhnich mi na faireachdainnean a bha agam nuair a dh'fhàg sinn taigh solais Ceann Bharraigh às ar dèidh agus a bha beag air bheag eileanan na h-òige a' dol à sealladh.

  • Tìr a' gheallaidh

    You must enable JavaScript to play content

  • Compton MacCoinnich

    Compton MacCoinnich

  • Compton MacCoinnich (1882 – 1972)

    Choinnich an sgrìobhadair ainmeil Compton MacCoinnich, ri Maighistir Iain aig Mòd Inbhir Nis ann an 1928, agus b' e fìor dheagh charaidean a bh'annta bhon àm sin. Ghluais Compton a Bharraigh ann 1933 agus thairis air na bliadhnaichean 's iomadh uair sona a chuir iad seachad an cuideachd càch a chèile. B' ann moiteil dha-rìribh a bha Mgr Iain nuair a stèidhich Compton an caractar Fr. James Macalister air bho na leabhraichean Whisky Galore agus Keep the Home Guard Turning.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss