Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Cuairt MhicIlleMhìcheil còmhla ri Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. Seo am prògram mu dheireadh san t-sreath agus an t-seachdain seo - bàs agus dìleab Alasdair. Chaochail Alasdair air an 6mh den Ògmhios 1912 agus chaidh a thiodhlaigeadh ann an cladh Chille Mholuaig air Eilean Liosmòr. An dèidh a' chiad dà chuibhrionn do Charmina Gadelica a chlò-bhualadh ann an 1900, chanadh duine gum biodh Alasdair air bhidean tuilleadh den stuth a chruinnich e fhoillseachadh. Ach cha b'ann mar sin a bha mar a chluinneas sibh. Gheibh sinn beachd cuideachd air a' chuspair chonnspaideach a tha am measg sgoilearan an là an-diugh, an robh Alasdair a' cur a dhreach fhèin air an stuth a chruinnich e? An robh e ri foill? Agus ma bha, a bheil sin gu diofar?

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 19 Aug 2012 13:00