Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

22/10/2007

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Mon 22 Oct 2007 19:00

An Litir Bheag 127

O chionn ghoirid bha mi aig Loch Laomainn. Bha mi air eilean anns an loch. Bhami ag obair ann. Bha mi a’ toirt clann le Gàidhlig a-mach a choimhead air aneilean. Bha sin mar phàirt de phròiseact aig Dualchas Nàdair na h-Alba.
Ann am Beurla ’s e Inchcailloch an t-ainm air an eilean. ’S e ainm Gàidhliga tha ann – Innis Chailleach no ’s dòcha Innis Caillich. Bha cailleachan dubha a’fuireach ann. Nuns. Cailleachan dubha. Bha an Naomh Centigerna ann. Chaochaili anns an eilean ann an seachd ceud, trithead ’s a ceithir (734).
Tha an t-eilean brèagha. Tha e le Dualchas Nàdair na h-Alba an-diugh. Thaiadsan ga ruith mar thèarmann nàdair. Ach bha sluagh a’ fuireach ann uaireigin. ’Se tuathanaich a bha annta. Bha crodh is caoraich aca.
Bha eaglais agus cladh anns an eilean cuideachd. Tha an cladh ann fhathast.Dh’fhalbh an sluagh aig deireadh an ochdamh linn deug. Ach an dèidh sin bhadaoine fhathast a’ tiodhlacadh an càirdean anns an eilean.
Carson a dh’fhalbh na daoine? Uill, bha an t-uachdaran ag iarraidhcraobhan a chur. Craobhan-daraich. Cha robh e ag iarraidh crodh is caoraich annsan eilean. Bha iad a’ cleachdadh rùsg daraich airson leathar a chartadh. “For thetanning of leather” mar a chanas iad ann am Beurla. Airson leathar a chartadh.Tron naoidheamh linn deug, bha Innis Caillich air a còmhdachadh lecraobhan daraich. Agus tha fhathast. Tha a’ choille an-diugh gu math brèagha. Ast-earrach tha bròg na cuthaig pailt.
Thug mi an teaghlach agam don eilean cuideachd. Chùm mise sùil air a’bhàta. Chaidh iadsan air chuairt. Cha tuirt mi guth ro làimh mu bheathachsònraichte a tha a’ fuireach ann.
Nuair a thill iad, thuirt iad, “Chunnaic sinn rudeigin mòr. Bha e bàn. Bha ecoltach ri gobhar.”
“Seadh,” fhreagair mi, “ach chan e gobhar a bha ann.”
“Dè bha ann ma-thà?”
Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Loch Laomainn: Loch Lomond; bha mi a’ toirt clann leGàidhlig a-mach a choimhead air an eilean: I was taking Gaelic-speaking childrenout to look at the island; mar phàirt de phròiseact aig Dualchas Nàdair na h-Alba:as part of a Scottish Natural Heritage project; cailleachan dubha: nuns; o chionnfhada: a long time ago; Naomh Centigerna: St Kentigerna; chaochail i anns aneilean: she died on the island; tha iadsan ga ruith mar thèarmann nàdair: they runit as a nature reserve; bha sluagh a’ fuireach ann uaireigin: a population livedthere at one time; ’s e tuathanaich a bha annta: they were farmers; crodh iscaoraich: cattle and sheep; cladh: cemetery; an dèidh sin bha daoine fhathast a’tiodhlacadh an càirdean anns an eilean: after that people were still burying theirrelatives on the island; bha an t-uachdaran ag iarraidh craobhan a chur: thelandlord wanted to plant trees; craobhan-daraich: oak trees; a’ cleachdadh rùsgdaraich airson leathar a chartadh: using oak bark to tan leather; tron naoidheamhlinn deug: through the nineteenth Century; air a còmhdachadh le: covered in; as tearrachtha bròg na cuthaig pailt: in spring the wild hyacinth (English bluebell) isplentiful; thug mi an teaghlach agam: I took my family; chùm mise sùil air a’bhàta: I kept an eye on the boat; air chuairt: for a walk; cha tuirt mi guth ro làimhmu bheathach sònraichte: I didn’t say anything beforehand about a specialanimal; nuair a thill iad: when they returned; chunnaic sinn rudeigin mòr: we sawsomething big; bha e coltach ri gobhar: it was like a goat; chan e gobhar a bhaann: it wasn’t a goat.

Tasglann / Archive

An Litir Bheag 122

Tha gach Litir Bheag anns an tasglann / All the Little Letters are in the archive.

Added. Check out your playlist Dismiss