Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Bàgh Thartabhagh gu Caisteal Chalabhaigh

Faodaidh tu coiseachd bho Thaobh a Tuath Ghleann Dail gu Taobh a Deas Ghleann Dail ann an Uibhist tarsainn a' mhòintich 's cha toir thu ach mu fhichead mionaid, no faodaidh tu an t-slighe fhada a ghabhail, le bhith a' cleachdadh an rathaid mhòir. Roghnaich Pòl MacCaluim agus Dòmhnall Ruairidh Caimbeul bho chionn grunn bhliadhnaichean gun gabhadh iad an rathad mòr, agus le sin gu faigheadh iad an cothrom tadhal anns na bailtean air an t-slighe. Tha na bailtean sin cuideachd suidhichte am fasgadh Beinn Eiseabhal agus sin mar a fhuair an t-sreath an t-ainm, 'Am Fasgadh Eiseabhal'.

Anns an t-sreath tha Pòl is Dòmhnall Ruairidh a' tadhal air na bailtean a leanas: Bàgh Thartabhagh, Taobh a Tuath Ghleann Dail, Taobh a Deas Loch Baghasdail, Orasaigh, Geàrraidh na Mònadh, Trossaraidh, Smercleit, Gille Brìghde an Iar, Taobh a Chaolais, Lùdag agus Taobh a Deas Ghleann Dail.

Anns a' chiad phrògram bidh na balaich a' toirt iomradh air bun sruth agus Bàgh Thartabhàgh. Bidh iad cuideachd a' tadhal air làrach taigh-sgoile Ghlaic Ruairidh, agus bidh aon de na seann sgoilearan, Flòraidh Currie, a' cuimhneachadh air a làithean-sgoile ann agus cluinnidh sinn eachdraidh Caisteil Chalabhaigh.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 10 Mar 2013 10:00