This programme is not currently available on BBC iPlayer Radio

Haoidh Cove!

Anns a' phrògram seo, tha Tormod MacGriogair air chuairt timcheall baile Steòrnabhaigh 's e ag èisteachd ri cainnt an t-sluaigh! Buinnidh Tormod fhèin dhan bhaile agus tha e mion-eòlach air an dualchainnt shònraichte a bha a-riamh aig muinntir Steòrnabhaigh agus am blas a bh' air Gaidhlig na sgìre! Tha e a' coinneachadh ri cuid de mhuinntir a' bhaile agus a' ruith air dè dh'fhàg gun robh a' chainnt 's an doigh-còmhraidh aca cho eadar-dhealaichte bho sgìrean eile air feadh Eilean Leòdhais.

Chaidh am prògram seo a chlàradh bho chionn seachd bliadhna ach tha cothrom ann èisteachd ris a-rithist ri linn 's gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' gabhail àite anns a' bhaile an t-seachdain seo.

Producer Mairianna MacKenzie.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 23 Oct 2011 13:00