-
Prògram 5 - Siddhartha Gautama
Cuspair a' phrògraim - An creideamh Buddach
'S ann mun phrionnsa Siddartha Gautama a tha an sgeulachd anns a’ phrògram seo. B’ e duine air leth beartach a bh’ann ach chuir e sin air chùl airson sireadh fìrinn agus gliocas a bheireadh dha inntinn chiùin thoilichte.
Rugadh Siddhartha Gautama o chionn dà mhìle gu leth bliadhna ann an Nepal. Thug athair dha a h-uile fois agus cofhurtachd air an smaoinicheadh tu ach cha leigeadh e leis a dhol a-mach dhan t-saoghal. Bha Siddhartha mìriaraichte le bheatha agus cha b’urrainn dha gun a bhith smaoineachadh air an t-saoghal a bha a-muigh. Aon latha ghabh e a-mach. Chunnaic e seallaidhean a chuir iomagain mhòr air, acras, bàs agus bochdainn am measg an t-sluaigh. Thug seo air a bheatha atharrachadh. Dh’fhàg e na bh’aige agus chaidh e am measg an t-sluaigh a dh’ionnsachadh a bhith na dhuine naomh. Bha iomadach ceist air mu fhulangas dhaoine nam beatha, mu bhàs agus mun chruinne-cè uile. Na bheachd-san dh’fheumadh e rathad meadhan a ghabhail eadar a’ bheatha a bh’aige agus a’ bheatha bha e a’ faicinn mun cuairt air. Iomadach bliadhna an dèidh dha a dhachaigh fhàgail fhuair e freagairt a chòrd ris. ’S ann air an soilleireachadh seo a tha an t-ainm Buddha stèidhichte. Bha e a’ teagasg riaghailtean a shaoil e a chuidicheadh daoine air an t-slighe a ghabh e fhèin. Thuirt e gum bu chòir a bhith truasail ri daoine eile. Thuirt e gu robh rudan math anns a h-uile duine agus nach bu chòir naidheachdan breugach a sgaoileadh mu neach sam bith.
An dèidh a' phrògraim:
• Smaoinich co ris a bhiodh e coltach nam feumadh tu leigeil seachad na tha agad anns an t-saoghal a tha seo, mar a rinn Siddartha Gautama. Dè an rud bu mhotha air am biodh ionndrainn agad?
• Rannsaichibh a-mach dè na Deich Riaghailtean a bh’aig Buddha.
• Chan eil luchd-leantainn Buddha a’ creidsinn ann an dia sam bith. Beachdaichibh air cionnas a
dh’obraicheadh no nach obraicheadh seo na ur beatha fhèin.
• Dè na riaghailtean a dh’ fhaodadh a bhith againn anns an t-saoghal seo, gun chreideamh a bhith againn ann an dia sam bith, airson ‘s nach biodh mì-rian mun cuairt òirnn?
• Do Hindus 's i abhainn naomh a tha anns an Abhainn Ganges. Lorgaibh an Ganges agus sgìre Nepal air a' chlàr-dùthcha.
Broadcasts
-
BBC Radio Nan GaidhealFri 27 May 2011 11:30 BBC Radio Nan Gaidheal
-
BBC Radio Nan GaidhealSat 28 May 2011 10:30 BBC Radio Nan Gaidheal
Radio nan Gaidheal joins Radio Scotland until 7.30am.