iPlayer Radio What's New?
Image for Episode 4

Listen now 20 mins

Listen in pop-out player

Episode 4

Episode 4 of 5

Duration:
20 minutes
First broadcast:
Friday 20 May 2011

Eolas Creideimh agus Moraltachd do sgoilearan aig an dara ire. An t-seachdain-sa, Krishna. Religious and moral education for second level pupils. A look at Krishna.

  • Prògram 4 - Krishna

    Cuspair a’ phrògraim – An creideamh Hindu

    'S ann mun chreideamh Hindu a tha am prògram seo. Tha a' chuid as motha den t-sluagh Hindu
    a' creidsinn gu bheil an spiorad Brahman uile chumhachdach agus a' riaghladh an t-saoghail. Tha iad cuideachd a' creidsinn gu bheil Brahman comasach air e fhèin a nochdadh ann an cruth dhiathan eile mar Brahma an Cruithear, Vishnu an Sàbhailiche agus Shiva am Milltear. Tha na Hindus
    a' creidsinn gun do nochd an dia Vishnu air an talamh agus gum b’e Krishna an t-ainm a thug e air fhèin.

    'S e dà sgeulachd mu dheidhinn Krishna a tha anns a' phrògram seo. B' e gaisgeach math a bh'ann agus bha e a' cogadh an aghaidh olc. Anns a' chiad sgeulachd cluinnidh sinn mar a choinnich e fhèin agus a bhràthair Belarama an deamhain uabhasach Dhenukasura. Anns an dàrna sgeulachd tha deamhain eile, Naraka, a' teiche le bean Vishnu. Tha Vishnu ag atharrachadh a chruth agus ’s ann mar Krishna a tha e a’ dol as dèidh Naraka.

    An dèidh a’ phrògraim:
    • Bruidhnibh mu dheidhinn dè a tha ann an Diwali, dè a tha i a’ ciallachadh agus cuin a thathar ga cumail?
    Carson a tha an fhèill seo a’ còrdadh ri teaghlaichean Hindu?

    • Anns an dùthaich seo bidh daoine a’ comharrachadh toiseach bliadhna ùir. Cionnas a tha seo coltach ri Hindu Holi (Hindu) agus Chanukah (Iùdhaich).

    • Beachdaichibh air carson a tha e cudthromach gun cuimhnich luchd leantainn Hindu air stòraidh
    Krishna agus Naraka? Dè a tha an stòraidh seo a’ ciallachadh do dhaoine an-diugh?

    • Dè nur beachd-sa a tha na olc anns an t-saoghal an-diugh? Ma rinn sibh rud ceàrr uair air choreigin, an do chuir ur cogais dragh oirbh?

    • Rannsaichibh far an do thòisich an creideamh Hindu an toiseach agus lorgaibh e air a’ chlàr-dùthcha.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss