Image for Episode 3

Listen now 20 mins

Listen in pop-out player

Episode 3

Episode 3 of 5

Duration:
20 minutes
First broadcast:
Friday 13 May 2011

Eolas Creideimh agus Moraltachd do sgoilearan aig an dara ire. An t-seachdain-sa, Maois. Religious and moral education for second level pupils. A look at Moses.

  • Prògram 3 - Maois

    Cuspair a' phrògraim – An creideamh Iùdhach

    'S ann mun chreideamh Iudhach a tha am prògram seo. Chuir Dia Maois na cheannard air Clann Israeil an uair a bha iad nan tràillean anns an Èiphit aig na Pharaohan. An ceann ùine stiùir e fhèin agus a bhràthair Aaron, na h-Israeilich a-mach às an Èiphit ged a bha iad ceathrad bliadhna anns an fhàsach mus do ràinig iad Tìr a' Gheallaidh - an dùthaich a gheall Dia dhaibh.

    Anns an fhàsach thug Dia Maois suas gu Beinn Shianai airson deich àithntean sgrìobhte air dà chlàr cloiche thoirt dha. Fhad ’s a bha e shuas, dhìochuimhnich Clann Israel laghan Dhè agus le cuideachadh bho Aaron, leagh iad an cuid òr agus rinn iad ìomhaigh de laogh leis airson adhradh. Dh’iarr Maois maitheanas dhaibh bho Dhia agus fhuair e sin. Bhon uair sin bha iad a' cumail ri na riaghailtean agus na laghan eile a thug Maois dhaibh.
    Gus nach dìochuimhnich na h–Iudhaich na riaghailtean seo, bidh iad a' cleachdadh fèilltean mar Purim gus an latha an-diugh.

    An dèidh a’ phrògraim:
    • Beachdaichibh air carson a tha riaghailtean againn, mar eisimpleir - anns an sgoil, aig an dachaigh, air an
    rathad agus nar rìoghachd. Co ris a bhitheadh e coltach gun riaghailtean? Dè thachras nuair a bhriseas sinn riaghailtean? Cò tha cruthachadh riaghailtean?

    • Dèanaibh an-àirde trì riaghailtean ùra airson na sgoile agus trì eile airson na dachaigh.

    • Faighibh a-mach mu dheidhinn Fèill Chanukah, am Pesach, Rosh Hashana agus Yom Kippur.

    • Faighibh a-mach co ris a tha e coltach ann am broinn Synagogue.

    • Dè na samhlaichean a bh’aig clann Israeil anns an fhàsach a chì sinn fhathast anns an t-Synagogue?

    • Faighibh a-mach na deich riaghailtean a thug Dia do Chlann Israeil.

    • Dè an t-ainm a tha air leabhar naomh nan Iùdhach?

    • Lìonaibh a-steach clàr-dùthcha nan creideamhan. Lorgaibh an Èiphit agus Israeil.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss