-
Prògram 2 - Guru Nanak
Cuspair a’ phrògraim - An creideamh Siceach
Anns a’ phrògram seo thathas a’ coimhead air a’ chreideamh Siceach. ’S ann anns a’ Phunjab, faisg air Pakistan a thòisich an creideamh seo. Chaidh a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1496 le duine den ainm Nanak.
Cluinnidh sinn anns an sgeulachd mun tachartas a dh’atharraich a bheatha. B’ ann den chreideamh Hindu a bha athair Nanak ach b’ e an teachdaireachd a fhuair Nanak bho Dhia, nach robh Hindu no Muslamach ann, ach gu robh iad uile co-ionnan ann an sùilean Dhè. Thuirt e gun do dh’iarr Dia air a bhith na fhear-teagaisg agus thòisich e a’ searmanachadh. Thug a luchd-leantainn Guru Nanak mar ainm air.
Ann an1699 bha an deicheamh guru ann den ainm Guru Gobind Rai. Cluinnidh sinn anns an dàrna sgeulachd mar a dh’iarr e air na Sicich cruinneachadh ann am baile Anandpur. Thàinig iad nam mìltean. Bha ceist aige dhan tsluagh ach cò aca a bha deònach am beatha a thoirt suas air sgàth Dhè. Uile gu lèir sheas còignear a chaidh à sealladh an t-sluaigh a-steach don teant aig a’ Ghuru. Seach gu robh fuil air claidheamh Guru Gobind Rai bha dùil
aig an t-sluagh gun deach na còignear a chur gu bàs ach an ceann ùine nochd an Guru agus na còignear anns an teant. Bha iad uile còmhdaichte leis an aon seòrsa aodaich agus thuirt e gum b’ iadsan an Khalsa. As dèidh bàs Guru Gobind Singh cha deach duine eile ainmeachadh mar Ghuru.
An dèidh a’ phrògraim:
Tha e gu math cudthromach dha na Sicich a bhith a’ toirt seachad thiodhlacan.
• Rannsaich dè an ciall a tha aig an Langar, Gurdwara agus Guru.
• Cha leig tiodhlacan a leas a bhith faicsinneach no air an làimhseachadh. Saoil dè seòrsa tiodhlacan a th’ann nach fhaic sinn. Dèanaibh deasbad air ‘do thìde’ mar thiodhlac. Innsibh dhan chlas mu dheidhinn tàlant air
choreigin a th’agaibh fhèin.
• Faigheadh buidheann a-mach mu dheidhinn nan grìogagan a chithear gu math tric ann an dealbhan de
Ghuru Nanak.
• Feuch an lorg sibh ainmean an deichnear a fhuair urram “Guru”.
• Lorgaibh am Punjab, an sgìre far an do rugadh Guru Nanak air a’ chlàr-dùthcha. Mìnichibh dhan chlas gu bheil ‘Punj’ a’ ciallachadh ‘còig’ agus gu bheil ‘ab’ a’ ciallachadh ‘uisge’. Mar sin tha ‘Punjab’ a’ ciallachadh ‘Còig uisgeachan’. Dh’ fhaodar sealltainn dhan chlas na còig aibhnichean a tha a’ ruith dhan Abhainn Indus.
Broadcasts
-
BBC Radio Nan GaidhealFri 22 Apr 2011 11:30 BBC Radio Nan Gaidheal
-
BBC Radio Nan GaidhealSat 23 Apr 2011 10:30 BBC Radio Nan Gaidheal
Ceòl Gaidhealach 's Ceilteach agus fiosrachadh air dè a tha dol agaibhse gach feasgar.