Radio Reunited
Smaoinich airson diog – nam b' urrainn dhuibh bruidhinn ri luchd-èisteachd Radio nan Gaidheal ann an ceann ceithir fichead sa deich bliadhna, dè chanadh sibh riutha?
Dè na dòchasan a bhiodh agaibh airson ginealaich eile.
Dè na draghan a bhiodh oirbh?
Tha ceithir fichead bliadhna sa deich bhon a chaidh a chiad phrògram BBC air an aidhear agus gus a chomharrachadh, thèid trì mionaidean de ghuthan dhaoine le teachdaireachd bhon a h-uile ceàrnaidh dhen dùthaich a chraoladh air a h-uile seanail rèidio aig a’ BhBC aig an aon àm. Tachraidh seo Diciadain an ceathramh là deug den t-Samhainn.
'S e amas Radio Reunited a' sealltainn cho cumhachdail agus a tha an rèidio.
Faodaidh ur teachdaireachd a bhith ann an riochd comhairle no ceist, miann no mathanas. Faodaidh na briathran a bhith bhuaib’ fhèin no bho ur cuid chloinne. Faodaidh sibh bruidhinn ris na t-saoghal gu lèir no aon neach sònraichte - ‘s dòcha ogha?
Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail, cuiribh thugainn ur smuaintean no ur teachdaireachd air post-dealain gu alba@bbc.co.uk air neo cuiribh fòn thugainn (an-asgaidh) gu 08000 967050.
Chan e farpais a tha seo, ach caran coltach ri teachdaireachd ann am botal, a sheòlas thairis nam bliadhnaichean.
Tha feadhainn ainmeil air na teachdaireachdan aca a' chlàradh - èist riutha an seo.
Radio nan Gaidheal joins Radio Scotland until 7.30am.